Jämtlands län
Jämtlands län
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Prìomh-bhaile | Östersund | ||||
Stèidhichte | 1810 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 49,443 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 127,376 (2015) | ||||
Dlùths | 2.58/km² | ||||
Àireamh fòn | + (46) 06 | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Jämtlands län (Suomais: Jämtlandin lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, ann an ceann a tuath na dùthcha, gu deas air Västerbottens län. 'S e Östersund a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1810. Sìnidh Jämtlands län fad 49,443km² agus tha 127,376 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an treas roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 20mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 8 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Östersund nam measg.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à emat (Gàidhlig: dìcheallach) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]B' e poblachd fèin-riaghlaidh nan luchd-tuath a bh' ann an Jämtland o chionn fhada.[3] Bhuineadh an roinn seo do Niribhidh gu ruige 1645 agus bha i na pàirt Nirribhidh a-rithist fad mìosan ann an 1688.[4] B' e Anders Wasell a' chiad riaghladair na roinne.[5]