José Luis Rodríguez Zapatero
Coltas
'S e neach-poileataigs às An Spàinn a tha ann an José Luis Rodríguez Zapatero (Valladolid 4 an Lùnasdal, 1960).
Rugadh e ann an Valladolid is bha e na oileanach aig an Oilthigh León, far an deach e sa' Phàrtaidh Sòisealach Luchd-obrach na Spàinne (PSOE) is thachair e ris a' bhean, Sonsoles Espinosa, is dh'obair e mar neach-teagaisg an siud an dèidh dha a cheumnachadh. Chaidh a thaghadh mar bhall Còmhdhail Tagraichean na Spàinne ann an 1986 is chaidh e na àrd-rùnaire a' PhSOE ann an 2002. Chaidh e na phrìomh mhinistear na dùthcha 17 an Giblean 2004 an dèidh do na ionnsaighean ceannairceach ann am Madrid 11 am Màrt, is mhair e gu ruige 21 an Dùbhlachd 2011 nuair a chaidh Mariano Rajoy na phrìomh mhinistear.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “José Luis Rodríguez Zapatero”. Biografías y Vidas. Air a thogail 17mh dhen Ghiblean 2018.