Jump to content

Iom-obrachadh ceimigeach

O Uicipeid
An ath-chòireachadh Claisen. Tha Δ a' samhlachadh teasa.

'S e pròiseas nuair a tha moileciuilean ag atharrachadh no iomlaid ataman a tha ann an iom-obrachadh ceimigeach.

Ma thèid measgachadh air dà shusbaint a tha ag iom-obrachadh ri chèile, bithidh na susbaintean tùsail gan caitheamh agus a' cruthachadh susbaintean eile.

Seòrsachadh

[deasaich | deasaich an tùs]
Iom-obrachadh cuir ris.
Iom-obrachadh cuir às.

Rinn Christopher Ingold sgeama airson iom-obrachaidhean a sheòrsachadh.

  • cur ris, nuair a tha dà atam a' cur ris moileciuil thar thàthaidh dùbailte agus a' dèanamh trì tàthaidhean singilte
  • cur às, nuair a tha dà atam thar thàthaidh singilte a' fàgail moileciuil agus a' dèanamh tàthaidh dùbailte
  • ionadachadh
  • ath-chòireachadh

Iom-obrachaidhean ainmichte

[deasaich | deasaich an tùs]

Dh'ainmichear iomadh iom-obrachadh air ceimigear no ceimigearan a rinn iad, mar eisimpleir an cur-ris Diels–Alder air Otto Diels agus Kurt Alder, an iom-obrachadh Heck air Richard Heck nach maireann, an iom-obrachadh Grignard air Victor Grignard agus an iom-obrachadh Suzuki air Akira Suzuki.