Jump to content

Iolair

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Iolaire)
Iolair-mhara

A-measg eunlaith an adhair chan eil a h-aon cho làidir agus cho garg ris an iolair no iolaire[1][2][3] (iolra: iolairean).

Àite-còmhnaidh agus cobhartach

[deasaich | deasaich an tùs]

Nì i a nead ann an sgeirean àrd-chreagan, fada bho àite-còmhnaidh dhaoine; agus nuair a bheir i a-mach a h-àl, altramaidh i le pailteas de shitheann iad. Marbhaidh i cearcan-fraoich, agus uain, agus air uairibh caoraich air an son, agus cha leig i dìth ni air bith orra gus am fàs iad làidir agus comasach gu solaradh air an son fhèin.

Rèis-bheatha

[deasaich | deasaich an tùs]

Mairidh an iolair beò gus am bi i dlùth air leth-cheud bliadhna. Tha seòl aice air a clòimh a thilgeil nuair a tha i a' fàs trom agus mall, agus air an dòigh seo tha i ga neartachadh fhèin mar gun tilleadh a h-òige a-rithist.

Sean-fhacal an t-Salmadair

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Gun sàsaich maitheas an Tighearna beul an duine, air chor is gun ath-nuadhaichear a òige mar òige na h-iolaire.

Faic cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. An Seotal: Briathrachas Gàidhlig air-loidhne airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Leughte 9 Faoi. 2015
  2. Faclair LearnGaelic.net Leughte 9 Faoi. 2015
  3. Am Faclair Beag Leughte 9 Faoi. 2015

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • gun urra (6mh dhen Iuchar 1895): “An Iolair,” ann an: Mac-Talla, àir. 4, td. 6. Air a thogail 31mh dhen Dàmhair 2024.