Iapanais
Iapanais | |
---|---|
Fuaimneachadh | [ɲihoŋɡo] |
Ga bruidhinn ann an |
|
Luchd-labhairt iomlan | 130 millean [2] |
Reangach | 9 |
Teaghlach-chànan | Iapanach |
Siostam-litreachaidh | Lideirean agus Logagrafan Iapanach |
Inbhe Oifigeil | |
Cànan oifigeil ann an | Iapan |
Air a riaghladh le | Gin (ach, tha Riaghaltas Iapan an sàs ann gu mòr) |
Còdan Cànan | |
ISO 639-1 | ja |
ISO 639-2 | jpn |
SIL | jpn |
Tha tuilleadh air 130 millean daoine aig a bheil Iapanais, a tha a' fuireach ann an Iapan agus ann an coimhearsnachdan eilthirich Iapanach air feadh an t-saoghail. 'S e Nihongo (日本語) a theirear ri Iapanais anns a' chànan fhèin. Tha e a' ciallachadh cànan na h-Iapain. 'S e Grian a' bhrìgh a th' air an kanji 日 agus an seo, Freumh air 本. Tha am briathar Sìonach-Iapanach seo, 日本 (Nihon no Nippon), a' toirt dealbh air an Iapan bho shealladh Sìona, a thaobh suidheachaidh cruinn-eòlasach an dà dhùthaich. 'S i an Iapan far a dh' èireas a' ghrian agus Sìona far an tèid i foidhpe. Tha an abairt Tìr Èirigh na Grèine a' tighinn às an sin.
Tùs agus Seòrsachadh
[deasaich | deasaich an tùs]'S e cànan in-sònraichte (isolated language) a th' ann an Iapanais. 'S e an cànan as dlùithe ris, Coirianais (a thaobh morf-eòlas, co-chàradh gu h-àraid), ach nam biodh Ryūkyūanais (teanga Okinawa) ga mheas mar chànan na chòir fhèin, 's esan an cànan a bu dhlùithe mar phàirt dhen aon teaghlach cànain.[3]
Gidheadh, 's iomadh teoric a tha ann a tha a' sireadh air mìnicheadh a thoirt air tùs a' chànain seo, ach chan eil fiù 's aon dhiubh sin nach eil air a connsachadh. Tha cuid de sgoilearan air Iapanais a cheangladh ri Coirianais, Mongolais agus na cànanan Altaic eile, a' toirt iomradh air coimeas gràmadach eatorra. Tha sgoilearan eile a' sìreadh tùs a' chànain ann an sòisealtasan coltach ri Iapan a thaobh cultar agus eag-eòlas eadar ceann a deas Sìona agus an Himalaya. An dèidh sin, tha feadhainn eile a' cumail a-mach gur ionnan tùs a' chànain agus na cànanan Draibhideach agus cànanan nan ioma-eileanach.(Polynesia) 'S ann tric a bhithear a' moladh gur e crìtheol a th' anns a' chànan seo, a' gabhail a-steach tuilleadh air aon de na teangannan sin.
Buadhan
[deasaich | deasaich an tùs]'S e cànan co-glaodhach (agglutinating language) a th' ann an Iapanais. 'S e sin gu bheil i a' leigeil rithe structar gràmadach le bhith a' ceangladh comharran (は、が、に/wa, ga, ni) ri stuic fhacail.[4]
Ged a tha riochdairean ann mar: 私 watashi (mi), あなた anata (thu), 彼 kare (e), 彼女 kanojo (i) is mar sin air adhart, chan eileas gan cleachdadh cho tric ann an còmhradh, seach ann an sgrìobhadh. Tha sin a' dèanamh gu bheil Iapanais caran neo-dhìreach mar chainnt; rud a tha a' freagairt an t-sluaigh Iapanach gu math, oir tha iadsan gam meas neo-dhìreach gu leòr nan dòighean.
Mar eisimpleir, chanar 私はスコットランド人です。watashi ha sukottorandojin desu. (Mise – Albannach – tha) (Tha mi nam Albannach), ach ann an còmhradh far a bheil e soilleir cò tha a' bruidhinn agus cò mu dheidhinn, dh' fhàgar watashi (còmhla ris a' chomharra は wa), a-mach agus theirear スコットランド人です。sukottorandojin desu; (Albannach-tha). Cha leigeas a leas an riochdair watashi (mi) a ràdh idir airson 's gun tuig daoine. Mar sin dheth, tha Iapanais gu math feumail airson bruidhinn air daoine, no air dìomhaireas nach eileas ag iarraidh fhoillseachadh. Fiù 's nan cluinneadh cuideigin an còmhradh, dh' fhaoidte nach ann a bhiodh fios aca cò no dè air a bhiodh an luchd-labhairt a-mach, air sgàth chion riochdairean. 'S e cnag na cùise a th' ann nach eil an t-subseig ga cleachdadh a h-uile uair ann an còmhradh.
Riochdan Modhail
'S iomadh chaochladh a tha air Iapanais a-rèir dreuchd, inbhe is àite san t-sòisealtas, gnè agus aithneachadh sgìreil an neach-labhairt. Tha siostam gràmadach farsainn aig Iapanais gus cainnt a chur air foirmeileachd agus modhaileachd; rud aig nach eil a' chuid as motha de chànanan Siarach.
Keigo
[deasaich | deasaich an tùs]'S e Keigo (敬語) a chanas ri modhaileachd ann an Iapanais, agus thathas ga cleachdadh a-rèir inbhe a' chàirdeas a tha ann eadar daoine. Chan eil càirdeas co-ionnan sa chumantas ann an sòisealtas Iapanach. 'S tric a bhios suidheachadh nas àirde aig neach, agus gabhaidh sin a dhearbhadh a-rèir iomadach fhactair leithid dreuchd, aois, eòlas no fiù 's an suidheachadh anns a bheil neach aig an àm – mar eisimpleir, cuideigin ag iarraidh fàbhair air cuideigin eile. Thathas a' cleachdadh Keigo ann an gnothach sam bith far a bheil neach-obrach a' bruidhinn ri neach-ceannaich; m.e. ann an taigh-bìdh, no bùth sam bith eile. Faodaidh an neach-ceannaich cainnt dhìreach mhì-fhoirmeil a chleachdadh (gu ìre), ach chan fhaod an neach-obrach idir, mura h-e neach a tha tòrr nas aosta na an neach-ceannaich a th' ann.
Dòighean eadar-dhealaichte air na h-aon rudan a ràdh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha fiù 's gnìomhar beag sìmplidh air a chur an cèill ann an diofar dhòigh a-rèir cò tha a' dol càite. Ma tha thu fhèin a' dol a thadhail air neach aig a bheil inbhe nas àirde, 's iad mairu agus ukagau na gnìomhairean a thathas a' cleachdadh (oir, tha sin a' sealltainn an inbhe nas ìsle a th' agad fhèin; dh' fhaodadh cainnt ùmhail seach cainnt urramach a chur orra). Ma 's e neach 's inbhe nas àirde aige a bhios a' falbh a dh'àiteigin, 's iad irassharu agus oideninaru na gnìomhairean urramach. Tha diofar ìrean fhoirmealachd ann cuideachd. Ma 's e 's gu bheileas a' bruidhinn ri caraidean dlùith, 's e iku am facal mì-fhoirmeil, leis na comharran fireann no boireann, yo no wa, air an cur ris a cheann. 'S e ikimasu no ikundesu a bhiodh ann ge-tà, ann an suidheachadh nas fhoirmeile, fiù 's eadar daoine is inbhe co-ionann aca. 'S iad suidheachaidhean "desu/masu" a theireas ri seo; far an gabh gnìomhairean suidheachaidhean foirmeil na deiridhean modhail -desu no -masu.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Leasan tòiseachaidh Iapanaise tro mheadhan na Gàidhlig
- Sgeulachd cloinne Iapanach: Comain na corra-ghrithich air eadar-theangachadh bhon Iapanais le Steaphan MacRisnidh aig Dàna (Gàidhlig)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Staitistig Riaghaltas Iapan [1]
- ↑ Cànanan an t-Saoghail [2]
- ↑ Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken ISBN 4-05-401425-9
- ↑ Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken ISBN 4-05-401425-9