Gobhlan-gaoithe
Hirundo rustica | |
Gobhlan-gaoithe | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Aves |
Òrdugh | Passeriformes |
Teaghlach | Hirundinidae |
Gèineas | Hirundo |
Spèiseas | H. rustica |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Hirundo rustica (Linnaeus, 1758) | |
Ainmean eile | |
Hirundo erythrogaster |
'S e eun beag a th' anns a' Ghobhlan-ghaoithe (Laideann: Hirundo rustica, Beurla: swallow). Lorgar air feadh na h-Eòrpa, Àisia, Afraga agus Aimeireaga i. Aithnichear air a h-earr ghobhlaich i, agus a sgòrnan dearg.
Imrich
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an gobhlan-gaoithe a' teachd do cheann tuath na cruinne aig toiseach an earraich nuair a tha an latha a' fàs fada agus an aimsir blàth. Aig deireadh an fhogharaidh, nuair a tha an latha a' fàs goirid agus an aimsir fuar, imrichidh i gu leth-chruinn a deas.
Beagan roimh dhaibh falbh, cruinnichidh iad ann an àireamh mhòr air mullach thaighean no àitean àrda eile, cuiridh iad an cèill an rùn do a chèile, agus nì iad deas airson an turais do thìr fad air astar. Air dhi leth-chruinn a tuath fhàgail, stiùiridh i gu dìreach air an t-slighe a dh' ionnsaigh Afraga, Aimearaga a Deas agus eadhon Astràilia, far am bheil an aimsir blàth, agus cuileagan pailt; agus fanaidh i an sin gus an tèid an geamhradh seachad, agus gus an tig blàths agus teas le teachd an earraich.
'S e is adhbhar dha bheil an gobhlan-gaoithe ag imrich deas gum bheil na cuileagan a' bàsachadh nuair a tha an geamhradh a' teachd dlùth, agus do bhrìgh gur ann orra seo a tha i a' tighinn beò, tha claonadh nàdarra ga treòrachadh a dh' ionnsaigh nan tìrean sin.
Àite-còmhnaidh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an gobhlan-gaoithe a' dèanamh a nid de chrè agus de làthaich; agus tha a nead am bitheanta air a togail ri cinn thaighean, no ann an oisinn nan uinneagan.
Beathachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an gobhlan-gaoithe a' glacadh chuileagan agus bheathaichean beag sgiathach eile, nuair a tha i air iteig anns na speuran, agus leotha sin tha i ga beathachadh fhèin, agus a' beathachadh a h-àlaich.
Co-fhulangas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha iomadh nì aithnichte mu thimcheall nan gobhlan-gaoithe a tha feuchainn dhuinn gu soilleir gum bheil co-fhulangas aca do thrioblaidean càch a chèile, agus gum bheil fhios aca dè an dòigh air an nochd iad an co-fhulangas seo.
Chualas iomradh air nead a' tuiteam bho oisinn na h-uinneig san do thogadh i, agus gobhlanan-gaoithe a' cruinneachadh cuideachd gus nead eile a thogail sa cheart àite anns an robh a' chiad nead.
Chualas naidheachd cheudna air gealbhonn a' dol a-steach do nead a' ghobhlain-ghaoithe nuair a bha i air falbh a' solarachadh lòin dhith fhèin. Bha fearg ro mhòr air a' ghobhlan-ghaoithe seo gun do chuir i an cèill do chàch agus thàinig iad nam mòr-àireamh le crè nan guib. Dhùin iad suas an toll a bha san nead, agus dh' fhàg iad an gealbhonn an sin gu bàsachadh a dhìth bìdh agus àile.
Ceangal a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]