Jump to content

Fèileadh

O Uicipeid
Fèileadh agus sporan

'S e am fèileadh no èileadh an t-aodach fireann bho mheadhan gu glùin a bha cumanta anns a' Ghàidhealtachd ann an 16mh linn, agus a tha fhathast cleachdte mar dreasa nàiseanta air feadh na h-Alba, gu h-àraid airson thachartasan sònraichte is foirmeil. Anns an fharsaingeachd tha e dèanta de aodach clòimhe le pàtran breacain, agus le iomadh filleadh air a chùlaibh.

Mas as trice, thèid a chaitheamh còmhla ri sporan, prìne, crios agus sgian-dubh fo bhann an osain.

Aistean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]