Coatbridge
| Drochaid a' Chòta | |
![]() | |
| 55°51′45″N 4°1′36″W | |
| Suidheachadh | |
| Comharradh-clèithe | NS719650 |
| Dùthaich | |
| Comhairle | Siorrachd Lannraig a Tuath |
| Siorrachd | Siorrachd Lannraig |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 6.818 square mile |
| Àireamh-shluaigh | 43,960 |
| Còd-puist | ML5 |
'S e baile ann an Alba mheadhanach a tha ann an Coatbridge. Tha e ann an Siorrachd Lannraig a Tuath.
'S ann anns an 19mh linn a thoisich eachdraidh nuadh Choatbridge. Dh'fhosgail Rèile Bad nam Manach is Cair Ceann Tulaich ann an 1826 agus b' e "Crewe Tuathach" far-ainm air a' bhaile.[1] Thàinig mòran duine à Èirinn airson obrach anns na obraichean-iarainn agus a-rèir a' chunntais-shluaigh ann an 1851 rugadh 35.2% de dhaoine Choatbridge ann an Èirinn, an aghaidh 7.2% ann an Alba air fad.[2] Ann an 2001 bha 41,170 duine a' fuireach an seo.[3]
Tha taigh-tasgaidh gnìomhachail aig an seann obair-iarainn Summerlee a dhùin ann an 1926.[4]
Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann ann an 1755 a tha Coatbridge a' nochdadh air a' mhapa Roy mar Cottbrig agus a-rèir Drummond tha an t-ainm a' dol bho oighreachd air an robh Coats no Colts.[5] Cha robh gnothach sam bith ri còtaichean! Mar sin tha Rèile na h-Alba a' cleachdadh "Coatbridge Meadhain" mar ainm Gàidhlig air an stèisean-rèile.[6]
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Elaine Nic a' Ghobhainn, BPA eadar 1999 is 2021
- Margaret Mitchell, BPA eadar 2003 is 2021
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “RAILWAY BRIDGE OVER COATBRIDGE CROSS”. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2023.
- ↑ “Migration: Ireland to North Lanarkshire”. CultureNL.
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
- ↑ “Summerlee - The Museum of Scottish Industrial Life”. Visit Lanarkshire. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2023.
- ↑ Drummond, Peter (2014): An analysis of toponyms and toponymic patterns in eight parishes of the upper Kelvin basin (tràchdas PhD). Oilthigh Ghlaschu, td. 392–394.
- ↑ “Coatbridge”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 22mh dhen Fhaoilleach 2023.

