Deasbaireachd a' chleachdaiche:Milenioscuro
Coltas
(Air ath-sheòladh o Deasbaireachd a' chleachdaiche:Shadowxfox)
Fàbhar beag
[deasaich an tùs]Halò a charaid, an dòchas gu bheil thu ann an deagh-thrum. Tha sinn toilichte gu bheil thu ann 's cho gnìomhach ach bu toigh leam fàbhar beag iarraidh ort. Saoil an cleachd thu brabhsair sa bheil dearbhair-litreachaidh Gàidhlig nuair a nì thu obair air an Uicipeid? Tha dhà dhiubh ann, Firefox agus Opera; chuireadh às do chuid mhòr dhe na mearachdan beaga a tha tighinn a-steach. Agus cuideachd, feuch is thoir an aire dha na h-asgairean aig toiseach facail - tha ' no ’ ceart gu leòr ach tha ‘ (m.e. ‘s e) 'nam mearachd. Gheibh thu barrachd fios air na brabhsairean 's na dearbhairean an-seo. le gach deagh-dhùrachd Akerbeltz (talk) 01:18, 1 dhen Mhàrt 2014 (UTC)