Jump to content

Dail Riata

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Dal Riada)
Uine: Dail Riata

B' e seann rìoghachd Gàidhealach a bha ann an Dail Riata (gu tric "Dalriada" neo "Dalriata" sa Bheurla). Chaidh a stèidheachadh air an aon talamh ri siorrachd Earra-Ghaidheal an latha an diugh. Chaidh aonadh a chur air bonn eadar an dùthaich seo agus rìoghachd nan Cruithneach den ainm Pictavia fo Coinneach mac Ailpein, Rìgh nan Gàidheal, anns a' bhliadhna 843.

Na Gàidheil a fàgail Èirinn

[deasaich | deasaich an tùs]

Anns an an ceathramh linn tha na seanachaidh agus luchd eachdraidh an dùil gun d'thànaig dream mhòr de dhaoine Ceilteach gu taobh an iar na h-Alba bho rìoghachd ann an ceann a tuath Èirinn den ainm Dail Riata. 'S iad na Gàidheil a bha seo agus 's iad a stèidhich rìoghachd Dail Riata ann an Earra-Ghaidheal agus ,an ceann còir air ceithir linn eile, a sheas le na Cruithnich fo aon rìgh airson an dùthaich ùr den ainm Alba a bhonn-shuidhicheadh.

Tha e coltach gun dàinig na h-Albannaich a dh'Alba ann an trì buidhnean bheag fo thriùir cheann-feadhna. 'S e Fearghas, Latharna agus Aonghas a bh' air na trì cheannardan ud agus ghabh iad sealbh air Ceann Tìre, Latharna agus Eilean Ìle leis an luchd-leanmhuinn aca. Cha robh cus trioblaid a' feitheamh dhaibh oir bha beag shluaigh a' fuireach air taobh siar na h-Alba aig an àm ud agus tha sinn an dùil gun robh na Cruithnich dòchasach cuideachadh fhaighinn bho na h-Albannaich an aghaidh na naimhdean aca gu deas. Chaidh Fearghas a chrùnadh ‘na Ard-Rìgh agus bha an dithis eile, Latharna agus Aonghas, nan àrd-rìghrean thairis air an fhearann air an do ghabh iad sealbh.

Bha na h-Albannaich a' cumail gu creideamh Chrìosd man àm a ghluais iad a dh'Alba agus an Naomh Pàdraig air an Impireachd ann an Èirinn. 'S ann bho rìghrean Dhail Riada a dh'fhàs Eilean Idhe gu bhith na chridhe airson an creideamh agus eaglais Chrìosdaidh ann an taobh a tuath Breatainn. Bha è ainmeil airson na manaich aige mar Naomh Calum Cille agus bhiodh rìghrean bho iomadach dùthaich air an tìodhlaiceadh ann. Bha an eilean gu math ainmeil airson foghlam, na sgrìobhaidhean sgoileireal agus an ealan aig Abaid Idhe.

'S e Coinneach mac Ailpein an Rìgh mu dheireadh aig Dail Riada oir chaidh an Rìoghachd ùr Alba a stèidheachadh ann an 843 leis fhèin mar Rìgh.

Aistean co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]