Bàrd Bharbhais
Bàrd Bharbhais | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Gabhsann a Tuath, 1861 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 2 dhen Dùbhlachd 1916 |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, bàrd agus gobha |
Gnè ealain | bàrdachd |
Bha Dòmhnall Chràisgein (“Dòmhnall MacDhòmhnaill”, “Dòmhnall Dòmhnallach”, “Bàrd Bharbhais”) (1861-1916) ’na bhàrd agus ’na ghobha. Rugadh e ann an Gabhsann ach ghluais iad gu Dail bho Dheas, ann an sgìre Nis,Leòdhas, goirid as dèidh don t-sluagh ann an Gabhsann a bhi air am fuadach às a bhaile sin. S e clachair - agus bàrd - a bha 'na athair fhèin agus 's e goibhneachd a dh'ionnsaich Dòmhnall ann an Steòrnabhagh nuair a bha e 18. Chaidh e an uairsin a Dheimhidh, deas air Inbhir Nis, a dh'obair agus is ann an-sin a rinn e a' chiad òran, Òran na Lice.
Thill e air ais a Leòdhas agus chaidh e a Bharbhas, airson coimhead as dèidh a sheannair. Stèidhich e ceardach an sin. Bha e pòsda dà thuras, agus bha an dithis bhean à Barbhas. Cha do dh'fhàs e ainmeil mar bhàrd gus an do thill e a Leòdhas.
Bha aon leanabh (Fionnlagh) aig Dòmhnall, leis a chiad bhean. Chaidh Fionnlagh agus a' bhean air imrich gu Manitoba.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- GRD: Bàrd Bharbhais (Dòmhnall MacDhòmhnaill)[dead link]
- Tobar an Dualchais: Tachartas a thug air Bàrd Bharbhais 'Òran na Lice' a dhèanamh
- BBC: Bliadhna nan Òran: Eilean mo Ghaoil, le Dòmhnall Dòmhnallach (Bàrd Bharbhais)
- BBC: Bliadhna nan Òran: Bàthadh Dhail, le Dòmhnall Dòmhnallach (Bàrd Bharbhais)