Jump to content

Bàrd Bharbhais

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Dòmhnall Chràisgein)
Bàrd Bharbhais
Beatha
Breith Gabhsann a Tuath, 1861
Dùthaich  Alba
Bàs 2 dhen Dùbhlachd 1916
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, bàrd agus gobha
Gnè ealain bàrdachd

Bha Dòmhnall Chràisgein (“Dòmhnall MacDhòmhnaill”, “Dòmhnall Dòmhnallach”, “Bàrd Bharbhais”) (1861-1916) ’na bhàrd agus ’na ghobha. Rugadh e ann an Gabhsann ach ghluais iad gu Dail bho Dheas, ann an sgìre Nis,Leòdhas, goirid as dèidh don t-sluagh ann an Gabhsann a bhi air am fuadach às a bhaile sin. S e clachair - agus bàrd - a bha 'na athair fhèin agus 's e goibhneachd a dh'ionnsaich Dòmhnall ann an Steòrnabhagh nuair a bha e 18. Chaidh e an uairsin a Dheimhidh, deas air Inbhir Nis, a dh'obair agus is ann an-sin a rinn e a' chiad òran, Òran na Lice.

Thill e air ais a Leòdhas agus chaidh e a Bharbhas, airson coimhead as dèidh a sheannair. Stèidhich e ceardach an sin. Bha e pòsda dà thuras, agus bha an dithis bhean à Barbhas. Cha do dh'fhàs e ainmeil mar bhàrd gus an do thill e a Leòdhas.

Bha aon leanabh (Fionnlagh) aig Dòmhnall, leis a chiad bhean. Chaidh Fionnlagh agus a' bhean air imrich gu Manitoba.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]