Cuimhneachan-sìthe Hiroshima

O Uicipeid
Cuimhneachan-sìthe Hiroshima

Gheibhear Cuimhneachan-sìthe Hiroshima (広島平和記念碑) ris an abrar Cuach-mhullaich a' Bhoma Dadamaich no Genbaku Dōmu (原爆ドーム) ann am Pàirc Cuimhneachan na Sìthe ann an Hiroshima, san Iapan. Chaidh inbhe làrach-dualchais na cruinne a thoirt dha le UNESCO an 1996. Tha an làrach mar chuimhneachan air casgradh nan daoine a bha a' fuireach ann nuair a spreadh boma atamach os cionn a' bhaile air 6mh an Lùnastal, 1945. Thathar ag ràdh gun deach còrr is 70,000 duine a mharbhadh sa bhad, 's gun do bhàsaich 70,000 eile ri linn nan leòntan a dh'fhuiling iad bhon rèididheachd, ach dha-rìribh, chan eil fhios cinnteach cò mheud a bhàsaich sa chiad dol a-mach, oir sna seachdainean ron ionnsaigh bha na mìltean de mhuinntir na sgìre timcheall Bhaile Hiroshima air thighinn ann gus cuideachadh le leagail thogalaichean agus, le rèiteachadh an àite an dèidh sin. Mar sin dheth, bha gu leòr a bharrachd air an àireamh-shluaigh de 350,000 duine anns a' bhaile aig àm leagail a' bhoma smùirneanaich.[1]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Hiroshima Peace Memorial Museum | About Us”. Hiroshima Peace Memorial Museum. Air a thogail 6mh dhen Lùnasdal 2018.