Craobh-Iubhair Fhartairchill
Coltas
Is e iùbhar de ghnè Taxus baccata anns a' chladh ann am Fartairchill, Siorrachd Pheairt a tha anns a' Chraobh-Iubhair Fhartairchill. Tha i eadar 2,000 agus 5,000 bliadhna a dh'aois agus mar sin is e a' chraobh as aosda anns an Roinn-Eòrpa air a thathar eòlach, ged a tha siostam nam freumhan den ghiuthas Lochlannach Old Tjikko anns an t-Suain nas sine. Tha laodhan na craoibhe air falbh agus mar sin tha an iùbhar a' coimhead mar gum b' i grunn chraobhan na bu lugha, agus chan fhaodar a h-aois innseadh gu cinnteach bho na fàinneachan fàis.