Cora Droma Rúisc
Cora Droma Rúisc | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Èirinn |
Ceàrn | Còigeamh Chonnacht |
Sgìre | Contae Liatroma |
Co-chomharran | 53° 57 00' Tuath 08° 00 06' Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 3,980 (2011) |
Àireamh fòn | (+353) 71 |
Duilleag oifigeil | Comhairle Chora Droma Rúisc |
'S e baile beag ann an ceann a deas Contae Liatroma, Còigeamh Chonnacht, Èirinn a th'ann an Cora Droma Rúisc.[1] Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Sionainn, 318km air falbh bho Chorcaigh, 111km bho Ghaillimh agus 153km bho Bhaile Átha Cliath, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha 3,980 duine a’ fuireach anns a’bhaile fhèin agus 4,101 mu thimcheall air an dùthaich.[3] 'S e am prìomh-àite as lugha na dùthcha a th' ann cuideachd.
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e gu math coltach gur ann à trì facail ann an Gaeilge a tha an t-ainm: cora (caradh), droim (druim) agus rúisc (boglach). Tha cruth na tìre a' gabhail ri seo cuideachd. Bheireadh sin Caradh Droma na Boglaiche dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha cuid eile dhen bheachd gur ann à rùisgeach a tha e.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Thug A' Ghort Mhòr buaidh uabhasach làidir air Cora Droma Rúisc agus chaochail mòran fad na bliadhnaichean dona ud. Tha cladha na gorta fhathast sa bhaile. Thàining an Rathad-iarainn ann an 1862, a thug piseach air gnìomhachas san sgìre.