Connrag
Coltas
(Air ath-sheòladh o Consan)
'S e aon seòrsa de dh'fhogharan a tha ann an connragan. Thathar gan cruthachadh le bacadh sèideadh a-mach an adhair le teanga, fiaclan agus mar sin sìos. Oir tha nas motha de na connragan ann na tha litrichean ann, bha aibidil eadar-nàiseanta fogharach air a dhèanamh air an son, agus tha cànanan fhèin a' cleachdadh dà no trì (no nas motha) litrichean airson aon chonnrag a sgrìobhadh.
Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Tha trì connragan deug sa Ghàidhlig:
- bileach: b, m, p, f
- deudach: d, n, t, l, s
- vèilearach: c, g
agus "h". Tha na fuaimean aca ag atharrachadh a-rèir càit' a bheil iad anns an fhacal, a bheil iad air leantainn le "h", agus a bheil fuaimreagan caola no leathann romhpa agus/no as an dèidh.