Jump to content

Comaraidh

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Comraigh)
Comaraidh
Suidheachadh
Comaraidh is located in Alba
Comaraidh
Comaraidh (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Peairt agus Ceann Rois
Siorrachd Siorrachd Pheairt
Co-chomharran 56° 22′ 30″ T
3° 59′ 18″ I
Comharradh-clèithe NN772221
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 1,839 (2001)
Àireamh fòn 01764
Duilleag oifigeil http://www.comrie.org.uk

'S e baile beag ann an Siorrachd Pheairt is Cheann Rois a tha ann an Comraigh[1], Comaraidh[2] neo Cuimrigh (Beurla: Comrie). Tha e anns' a Ghàidhealtachd a deas, 7 mìle air astar bho am baile Craoibh agus 3 mìle air astar bho Phàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Trosaichean aig Am Port Mòr. Bha an duaisean 'Large Village Britain in Bloom Winner' bho 'The Royal Horticultural Society' aig Comraigh anns na bliadhnaichean 2007 agus 2009. Bha mòran duaisean aig Comaraidh anns' a iomairt 'Beautiful Scotland' cuideachd. Ann an 2001 bha 1,839 duine a' fuireach an seo. [3]

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Cuimrigh suidhichte aig an comar trì abhainn - An ruadh thuill (Beurla: The Water of Ruchill), Uisge Dubh-Éireann (Beurla: The River Earn) agus Uisge na Leathad Cnoc (Beurla: The River Lednock). Cuideachd, tha Comaraidh suidhichte aig an comar A' Ghàidhealtachd agus A' Ghalldachd, leis cultair, cànain agus ìntinn a' tighinn bho gach taobh. Gu dearbh, tha an t-ainm 'Comaraidh' às na Seann-Ghàidhlig bho 'comar', 'S dòcha bho mal-ios eadar facail seann-Ghàidhlig. Tha Am Baile critheanach neo The Shaky Toun am frith-ainm air Comraigh, air sgàth 's gu bheil mòran crith-thalmhainn aig Comraigh air sàilleibh an sgàineadh na Gàidhealtachd, a'ruith tron a bhaile, agus tron am meadhan na h-alba. 'S e an làrach nam prìomh seismometer san t-Saoghal a th'ann Comaraidh.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Alba le Roy Pedersen
  2. Comrie/Comaraidh”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 15mh dhen Dàmhair 2017.
  3. Scotland's Census Result OnLine[dead link]