Jump to content

Comann Ìosaid

O Uicipeid
Seula a' Chomainn

S e òrdugh creidimh am broinn na h-Eaglaise Caitligeach a th’ ann an Comann Ìosaid (Laideann: Societas Iesu). Chaidh An Comann Ìosaid a stèidheachadh leis na Spàinntich Naomh Ignacio de Loyola, Naomh Francisco Javier, Pedro Fabro Cràbhach, Diego Laynez, Alfonso Salmerón, Nicolás de Bobadilla agus Simón Rodrigues ann an 1534, ann am Paris, san Fhraing. Tha faisg air 19,000 buill a’ chomainn ann, sagartan, luchd-ionnsachaidh agus manaich. Le sin, ‘s e an òrdugh creidimh fireannach nas motha na h-Eaglaise Caitligeach aig ìre eadar-nàiseanta an latha an-diugh.

Fiosrachadh mun Chomann

[deasaich | deasaich an tùs]

Bho thùs tha na h-Ìosaidean, ris an canar buill a’ Chomainn mar as tric, air a bhith an sàs ann an soisgeulachd an t-Saoghail, dìon an cuid chreideimh, agus iad ag obair an aghaidh a’ Phròstanachais, (Stiùir iad an Ana Atharrachadh Creideimh). Tha iad air a bhith ag obair ann an seirbheis a’ Phàip. ‘Se prìomh amas a’ Chomainn «coileantachd chrìostail, phearsanta agus do chàch, a lorg airson glòir agus seirbheis Dhè». 'Se ball a' chomainn a th' ann am Pàpa Frangan I.[1]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Serving Christ and the Pope”. Comainn Ìosaid. Air a thogail 21mh dhen t-Sultain 2021.