Lia Fàil
Is clach coisrigidh Rìghrean na h-Alba a tha anns An Lia Fàil. B' àbhaist do rìghrean na h-Alba a shuidhe air An Lia Fhàil rè an coisrigeadh.
Cruth An Lia Fhàil[deasaich | deasaich an tùs]
Is leac de clach-shaor ruadh a tha ann, uidheamaichte le fainne iarainn air gach ceann.
Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]
Tha tràth eachdraidh An Lia Fhail caillte ann an ro-eachdraidh na h-Alba. Is coltach gu robh e na clach coisrigidh do Rìghrean Dail Riada mus an deach aontachadh air Alba. Anns na meadhan aoisean, b' àbhaist do Rìghrean ur na h-Alba a bhi coisrigte aig Mainistir Sgàin, faisg air a' Pheairt agus bha i na laighe an eaglais a' mhainistir. B'e Am Peairt na chiad phrìomh-bhaile na h-Alba. Chaidh goid air a' cloiche le Eideard I na Sasainn ann an 1296 agus chaidh a chuir ann an cathair coisrigidh na Sasainn, far an do dh'fhan i gus 1951, nuair a chaidh an saoradh le buidheann beag de oileanaich tìr-gràdhach Albannach. Chaidh a' clach air chuairt, caillte do na h-ùghdarrasan, airson grunnan mìosan mus an do nochd e air altair Mainistir Obar Bhrothaig. Chaidh an toirt air ais ri Lunnainn a-rithist, far an do dh'fhan e gu 1996. Anns a' bhliadhna sin, dh'aontaich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bu chòir don leac fhuirich an Albann ach an uair a bha feum air airson coisrigeadh Rìgh (neo ban-righinn). Tha A' Chlach a nis ri fhaicinn aig Caisteal Dùn Èideann.
Ainmean eile[deasaich | deasaich an tùs]
Is gann gun cuir na Gaidheal ainm air bith air a' clach ach An Lia Fhàil, ged a tha i ainmichte fo riochd "A 'Chlach" , ann an Òrain na Cloiche, a chaidh air dèanamh tràth 's na 1950an a cheilearaich saoradh na cloiche. Air barrachd, tha an t-ainm Clach na Ceanamhainn clàraichte anns an fhaclair aig Dwelly, leis an fhiosrachadh gun tàinig an t-ainm seo bho seann chreideamh Albannach gum bitheadh fear do shloighne Albannach a' riaghladh àite sam bith a bhitheadh a' chlach air an cumail.
Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]
- “Deasbad mun Lia Fàil”, Naidheachdan a' BhBC. 3s dhen t-Sultain 2019. Air a thogail 28mh dhen Ògmhios 2022.