Jump to content

Dlighe Charles

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Charles's law)

Ann an Eòlas-nàdair, tha Dlighe Charles a' cur an cèill cuid dhe na feartan a th' aig a h-uile seòrsa gas. Chaidh a h-ainmeachadh às dèidh fear Jacques Charles, Frangach a bha beò eadar 1746 is 1823.


Dlighe Charles

[deasaich | deasaich an tùs]

Airson meall stèidhichte de gas, agus e ga chumail air teannas stèidhichte, thèid na th' ann dhen a' ghas am meud no an lughad gu dìreach a rèir àrdachadh neo ìoslachadh air a theasad.

Eachdraidh na Dlighe

[deasaich | deasaich an tùs]

B' e fear Joseph Louis Gay-Lussac a dh'fhoillsich an dlighe son a' chiad uair an 1802, ach dh'ainmich e gun robh e a' togail air obair, nach deach fhoillseachadh a-riamh, a rinneadh le Jacques Charles mun a' bhliadhna 1787. Air an adhbhar sin, tha Charles aithnichte an-diugh mar a' chiad fhear a dhearbh an dlighe, le deuchainn. Tha Dlighe Charles, Dlighe Úi Bhaoghail agus Dlighe Gay-Lussac uile a' tighinn cruinn còmhla ann an Dlighe Aonaichte nan Gas.

Geàrr-chunntas

[deasaich | deasaich an tùs]

Is e iomradh matamatachd na dlighe:

a' toirt fa-near gur iad:

  • V - toirt-lionaidh de'n gas
  • T - teasad a' ghais (air a thomhas a rèir Kelvin)
  • k - Àireamh cunbhalach (Cunbhalach a' mheudachaidh).

Ach ann am minichidhean eile, far a bheil prìomhachas ga chur air na buadhan a th' aig teas air a h-uile sìon sa chruinne-cè, thèid meall de ghas sam bith an lughad fhad 's a thèid teas an t-siostaim am meud, agus an rathad eile dha rèir:


far a bheil a' riochdachadh feart-sgaoilidh de ghas àraid, agus a' riochdachadh teas (air a thomhas a rèir Kelvin).

Na tha a' leantainn bhuaipe

[deasaich | deasaich an tùs]

Air sgàth 's gu bheil k stèidhichte, chithear, nuair a chuirear teas ri gas, gum feum an gas sgaoileadh nas fharsainge. Air a chaochladh, nuair a thèid gas fhuarachadh thèid na smùirnein dheth nas dùmhaile cruinn còmhla. Cha leig sinn a leas luach k a bhith aithnichte gus an dlighe a chur gu feum a' dèanamh coimeas air dà ghas agus iad air an dearbh theannas:


A' leantainn na h-argamaid seo, ma thuiteas teasad a' ghas gu fìor-neoni (0 Kelvin) cha bhith sìon ann dhen a' ghas. Chan fhaicear sin an da-rìribh a chionn 's gun atharraich a h-uile gas a th' ann gu nì ruithteach aig teas os cionn fìor-neoni.

Fiosrachadh eile

[deasaich | deasaich an tùs]

Wikibooks (sa Bheurla): Tha duilleag ann a mhìnicheas ciamar a chruthaicheas neach Pìoban Dlighe Charles ann an Wikibooks School Science.