Cairt-làir
Coltas
Cairt-làir
Ainm goirid | P. erecta |
---|---|
Ainm an tacsoin | Potentilla erecta |
Rang an tacsoin | spèiseas |
Pàrant an tacsoin | Potentilla |
Basionym | Tormentilla erecta |
Seòrsa mheasan | nucule |
Bheir e dhuinn | freumhan cairt-làir |
Duais a fhuair e | lus-leighis na bliadhna |
URL GRIN | https://npgsweb.ars-grin.gov/gringlobal/taxonomydetail.aspx?id=29479 |
’S e lus beag a tha ann an cairt-làir (Beurla: tormentil) (Laideann: Potentilla erecta) air am bi flùraichean brèagha buidhe a’ nochdadh eadar tràth san earrach agus deireadh an fhoghair.
Tha an t-ainm “cairt-làir” a’ cur an céill gun robhas a’ cleachdadh stuth bho a fhreumhaichean (rìosoman) airson lìn agus leathair a chartadh, agus chan ionann ri cairt (rusg) nan craobhan, gun robh e a’ fàs air an làr.
Tha tòrr ainmean eile air sa Ghàidhlig. Seo cuid aca: barra-braonain, bàrr braonan nan con, barra-braonain, braonan, braonan a' mhadaidh-ruaidh, braonan-bachlaig, braonan-fraoich, brisgean, cairt-leamhna, corrachan-mhill a’ choin, dìthean-cartach, eamhan, leamhnach, leanartach, neamhanan, neamhargan an fhraoich
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- ScotlandsNature.blog 2020-12-11 Cairt-làir – lus beag le cliù mòr - le Ruairidh MacIlleathain