Aonghas MacMhathain
Coltas
Aonghas MacMhathain | |||
---|---|---|---|
1956 - | |||
Beatha | |||
Breith | Na Hearadh, 1 dhen Iuchar 1912 | ||
Dùthaich | Alba | ||
Bàs | 2 dhen t-Samhain 1962 | ||
Teaghlach | |||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis Colaiste Oilthigh Bhaile Àtha Cliath Oilthigh Dhùn Èideann 1934) eòlas Ceilteach Oilthigh Bonn | ||
Cànain |
Gàidhlig Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | òraidiche agus ollamh | ||
Fastaichean |
Oilthigh Ghlaschu Oilthigh Dhùn Èideann |
B' e a' chiad shealbhadair Cathair na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu a bha ann an Aonghas MacMhathain (Beurla: Angus Matheson).
Rugadh e anns na Hearadh agus thogadh e ann an Uibhist a Tuath. Cheumnaich e ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1931 agus chaidh e na òraidiche agus ceannard na roinne Cheiltis aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1938. Nuair a chaidh Cathair na Ceiltis a stèidheachadh chaidh e na ollamh. Chaochail e ann an 1962.[1]
Bha a bhràthair, Uilleam MacMhathain, na leughadair ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “20mh linn - Eachdraidh na Roinne - Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu”. Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 15mh dhen t-Sultain 2017.
- ↑ “William Matheson”. 2na dhen Dùbhlachd 1995. Air a thogail 15mh dhen t-Sultain 2017.