Jump to content

Pòla (cruinn-eòlas)

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o An Dá Mhul)

Is e cruinne a tha anns an talamh. Tha sin ri ràdh gu bheil an talamh na ball fuathasach mòr a tha na siubhal tro'n fhànais. Tha i na siubhal, a' cuairteachadh na grèine aig astar de 93 millean mìltean. Tha an cuairt seo a' toirt bliadhna agus tha e ag adhbharachadh na ràithean againn: An t-Earrach, An Samhradh, Am Foghar agus An Geamhradh.

Air barrachd an siubhal a tha i a dèanamh, tha an talamh còmhnaidh a' tionndadh, mar gum bitheadh nan robh aiseal air an sàthadh tro a meadhan. Bithidh i a' gearradh làn cuairt mu an aiseal seo gach fichead uair ceithir. Is e an tionndadh seo a tha ag adhbharachadh oidhche agus latha. Bithidh solas agus blàths na grèine a' tuiteam air taobh na talamhainn a tha ga h-aghaidh,ach bithidh an dara leth de na talmhainn an dubhar mòr na talmhainn fhèin.

Theirear pòla ri ceann aiseal, agus mar sin their sinn an dà phòla ri na puingean a bhitheas an talamh a' tionndadh mun chuairt.

Is e obair leantainneach a tha anns an alt seo.