Ailean MacRath

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Allan Macrae)
Jump to navigation Jump to search
Ailean MacRath
Beatha
Dreuchd

Tha Ailean MacRath (Beurla: Allan Macrae, 1939-2013)[1] ainmeil air sgàth an obair a rinn e le Oighreachd Asaint a Tuath.[2]

Còmhla ri Uilleam MacRisnidh (Bill Ritchie) agus Iain MacCoinnich (John Mackenzie_, thòisich iad iomairt gus oighreachd Asaint a ghabhail os làimh leis na croitearan nuair a bha an oighreachd ri reic ann an 1992.[3][4]

Bha iad soirbheachail agus fhuair an Assynt Crofters' Trust reachdan chòraichean air Oighreachd Asaint a Tuath air 1 Gearran 1993.[5]

Bha e na chathraiche san Assynt Crofters Trust on thòisich an t-urras gus an do chaochail e.[2]

Eachdraidh Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Fhuair e foghlam aig Sutherland Technical School ann an Goillspidh.[6]

B' e croitear agus clachair a bh' ann an Allan agus bha e cuideachd gu mòr an sàs ann am buidhnean gus croitearan agus muinntir Asaint a riochdachadh.[7] Bha e na chathraiche air meur Asaint den Aonadh Croitearan na h-Alba.[8]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Assynt Crofters' Trust leughte 28 Iuchar 2013
  2. 2.0 2.1 “Founder of Assynt Crofters Trust dies suddenly at 73”. Ann an: West Highland Free Press, 28mh dhen Ògmhios 2013, td. 3. 
  3. Issie MacPhail. 'Obituary: Allan Macrae: A man of the land and the people', West Highland Free Press, (12 July 2013, p.10)
  4. Assynt Crofters' Trust leughte 28 Iuchar 2013
  5. Assynt Crofters' Trust leughte 28 Iuchar 2013
  6. Issie MacPhail. 'Obituary: Allan Macrae: A man of the land and the people', West Highland Free Press, (12 July 2013, p.10)
  7. Issie MacPhail. 'Obituary: Allan Macrae: A man of the land and the people', West Highland Free Press, (12 July 2013, p.10)
  8. Issie MacPhail. 'Obituary: Allan Macrae: A man of the land and the people', Am Pàipear Beag, (12 July 2013, p.10)

Tuilleadh Leughaidh[deasaich | deasaich an tùs]

  • MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate. (Stornoway: Acair). ISBN 0-86152-221-4
  • Napier, Judith Ross (2018) "The Assynt Crofter - Allan MacRae, A Life" (Stornoway: Acair)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]