Jump to content

Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan

O Uicipeid
Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan
Stèidhichte 2 dhen Ògmhios 1739
Dùthaich An t-Suain
Oifis Frescati

'S e comann fiosraichte agus acadamh nàiseanta airson nan saidheans na Suaine a tha anns Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan (Suainis: Kungliga Vetenskapsakademien).

Chaidh a stèidheachadh ann an 1739 le Jonas Alströmer, Sten Carl Bielke, Carl Wilhelm Cederhielm, Anders Johan von Höpken, Carl von Linné is Mårten Triewald. Ann an 1741 dh'fhàs e rìoghail. Dh'fhoillsich e iris, Vetenskapsakademiens Handlingar, is fhuair e aon-mhargadh almanacan fhoillsicheadh ann an 1747.[1]

Tha e a' toirt an Duais Rolf Schock gach bliadhna do mhatamataigear is do fheallsanaiche no loidigiche.[2]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Vetenskapsakademiens historia: 1700-talet(Suainis). Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan. Air a thogail 11mh dhen Lùnasdal 2018.
  2. Rolf Schock Prizes”. Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan. Air a thogail 11mh dhen Lùnasdal 2018.