Jump to content

A' Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 11:33, 4 dhen Lùnastal 2017 le Akerbeltz (deasbaireachd | mùthaidhean)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)

A rèir Reachdan Ìdhe ann an 1616 bu chòir do sgoil a bhith anns gach parraist air feadh na h-Alba le Beurla mar mheadhan teagaisg. Ach cha robh siostam nam paraistean gu math stèidhichte air feadh na dùthcha.

Mar sin chaidh an A' Chuideachd Urramach a tà chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh air Feadh Gàidhealtachd agus Eileana na h-Alba[1] (Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge (SSPCK)) a stèidheachadh le cairt rìoghail ann an 1709 agus fhuair iad cead bhon chrùin airson sgoiltean a thogail anns na roinnean iomallach na h-Alba, gu h-àraid air a' Ghàidhealtachd, a bha anns an linn sin a' gabhail a-steach na h-Eileanan Siar.

Bha còig sgoiltean aca ann an 1711; 25 ann an 1715 agus 176 ann an 1758. Ann an 1795 bha 323 sgoil gu lèir aca, a ghabh a-steach 96 sgoil-obrach far an do dh’ionnsaich clann-nighean banas-taighe agus snìomh. Dh'fhàs àireamh nan sgoiltean rud beag na bu lugha anns an 19mh linn air sgàth 's gun do thòisich buidhnean eile a bhith an sàs ann an fhoghlam cuideachd, ach bha 270 sgoil aca ann an 1872, a bha a' gabhail a-steach 76 sgoil-fuaigheil. [2].

B' e teagasg fhoghlaim Chrìosdail agus litearrachd na prìomh amasan a bh' aca.

Seo na bun-bheachdan den SSPCK ann an 1716:

Nothing can be more effectual for reducing these countries to order, and making them usefull to the Commonwealth than teaching them their duty to God, their King and Countrey and rooting out their Irish language, and this has been the case of the Society so far as they could, ffor all the schollars are taught in English[3]

An toiseach cha robh iad soirbheachail le a bhith a' teagasg tro mheadhan na Beurla, air sgàth 's nach robh na sgoilearan a' tuigsinn ciall nan teacsaichean. Mar sin dh'fhoillsich an SSPCK "Leabhar a Theagasc Ainminnin" ann an 1741 agus Bìoball Gàidhlig ann an 1767 a chaidh a chleachdadh anns a' chiad dà bhliadhna mar "drochaid airson greim nas fhasa fhaighinn air a' Bheurla" [4]. Ach bha e toirmisgte Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh nan seòmraichean-teagaisg [3].

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Am Bìobull Naomh SSPCK 1902
  2. Thomson, D. (1983) The Companion to Gaelic Scotland d. 262
  3. 3.0 3.1 , Withers, C. (2000) ‘Education and the Gaelic Language’. d. 399
  4. Dorian, N. (1981) Language Death. Philadelphia: University of Pennsylvania Press, d. 21
  • Thomson, D.. (1983) The Companion to Gaelic Scotland. Oxford: Basil Blackwell Publisher Ltd.
  • Withers, C. (2000). ‘Education and the Gaelic Language’. Am broinn Education - Scottish Life and Society. deas. le Holms, H. East Linton: Tuckwell Press, 397 - 414