Morf-eòlas na Gàidhlig

O Uicipeid

Tha morf-eòlas na Gàidhlig a' rannsachadh is a' mìneachadh morf-eòlas a' chànain, 's e sin na dòighean air an atharraich faclan a' chànain a-rèir càit ann an abairt a' tha iad a' nochdadh no a-rèir na thathar airson a chur an cèill, mar eisimpleir duine » daoine no cas » casan.

Prìomh-ghleusan[deasaich | deasaich an tùs]

Tha prìomh-ghleusan morf-eòlach na Gàidhlig a' gabhail a-steach:

  1. Ro-leasachain (m.e. gearain » sìor-ghearain)
  2. Iar-leasachain (m.e. cas » casan)
  3. Atharrachadh a' bhuin (m.e. bòrd » bùird)
  4. Ionadachadh, 's e sin nuair a tha freumhan de dhiofar fhacal a' dol còmhla san aon fhreumh (m.e. thuirt agus can)