Caldas

O Uicipeid
Caldas
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá)
Àirde 1750m
Co-chomharran 6° 06' Tuath
75° 38' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 133.40 km²
Àireamh-shluaigh 67,372 (2005)
Dlùths 505.04/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a' Bhaile

'S e baile-mòr a tha ann an Caldas. Tha e ann an Coloimbia faisg air Medellín. Tha Caldas na phàirt dhen Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín. 'S e Caldas an 77mh baile as motha na dùthcha.[1] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1840.

Tha roinn leis an aon ainm mu dheas Antioquia, air a bheil Caldas cuideachd.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Mar a b'àbhaist ann an Aimearaga, chaidh ainmean-àite a chruthachadh le freumhan anns na creideamhan nan Spàinnteach: m.e. Sante Fe de Bogotá, San Bonifacio de Ibagué agus San Juan de Pasto. Mar sin, fhuair an sgìre sin an t-ainm San Lorenzo ann an 1616, bhon fhacal Laideann Sanctus[2] (Coisrisgte/Naomh). Chaidh an t-ainm aige a dh'atharrachadh gu Caldas anns an 19mh linn, an sloinneadh aig a' churaidh Francisco José de Caldas (1768 - 1816),[3] a bha an sàs anns a' chogadh an aghaidh na Spàinne.[4]

Sluagh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 67,999 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 15,303 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Caldas, ach tha 0.1% dhe Tùsanaich agus 2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 94.2% dhe na daoine ann an Caldas leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 87.4% dhe na dachannan.[7]

Fèisean[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Caldas. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

An t-sìde ann an Caldas (Medellín

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Bailtean as motha na dùthcha
  2. Real Academia de la Lengua
  3. Leabharlann Luis Angel Arango
  4. Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Colombia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia