Yaren

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Pàrlamaid ann an Yaren

'S e am baile neo an sgìre as motha ann an Nauru a tha ann an Yaren. Tha e suidhichte ann an taobh a deas na dùthcha, aig 0° 33’ Deas ‘s 166° 55’ Ear. Chan e ach baile beag a th’ ann le 1.5 cilemeatair ceàrnach san fharsaingeachd gu lèir. Anns a’ bhliadhna 2003 bha 1,100 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin.

O chionns nach eil prìomh-bhaile oifigeil ann an Nauru, cleachdar gu math tric Yaren mar baile riochdachail.