‘S e baile mòr air an àirde an iar-dheas na Ruise a th’ ann Воронеж neo Voronezh (IPA: vʌronʲɪʃ, Fraingis: Voronej, Gearmailtis: Woronesch, Pòlais: Woroneż). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1585 leis an Rìgh Feodor I mar ghearasdan airson an dùthaich a dhìon an aghaidh nan Tartar. Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Voronezh, 12km a-mach às an abhainn Don, aig 140m os cionn ìre na mara, anns an sgìre (Ruiseis: Oblast) Voronezh, anns an roinn (Ruiseis: Okrug) Meadhan na Ruise, aig astar dhe 424km bho Mhoscobha (prìomh-bhaile na dùthcha) agus 1,069km bho Chathair Pheadair.[1] Tha 848,752[2] duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin, an 15mh baile as motha na dùthcha.[3] Thuit àireamh-shluaigh Voronezh fad na 90an, gu ruige 2009, mar a leanas:
Atharrachaidhean Àireimh-shluaigh
| 1811 |
1840 |
1863 |
1897 |
1914 |
1926 |
| 22 100 |
43 800 |
40 900 |
80 600 |
93 700 |
116 600 |
| 1939 |
1956 |
1959 |
1962 |
1967 |
1970 |
| 343 800 |
400 000 |
447 000 |
516 000 |
611 000 |
660 000 |
| 1973 |
1979 |
1989 |
1996 |
2002 |
2009 |
| 713 000 |
782 900 |
886 800 |
909 000 |
848 700 |
843 500 |
[deasaich] Daoine Ainmeil
[deasaich] Bailtean Co-cheangailte
Brno
Charlotte[4]
Chongqing
León
Sliven
Wesermarsch
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Riaghaltas na Ruise
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ SisterCities
[deasaich] Ceanglaichean a-mach