Taisbeanadh Obar Bhrothaig
'S e Taisbeanadh Obar Bhrothaig na thaisbeanadh neo-eisimeileachd na h-Alba bhon bhliadhna 1320. Thathar a' credsinn gun deach a sgrìobhadh le Bernard of Kilwinning a bha na aba aig Abaid Obar Bhrothaig aig an àm.
'S e cruth an tasbeanaidh litir do Phàpa Iain XXII, ag iarraidh air ascaoineadh aig Raibeart Brus a thogail, agus mar sin suidheachadh Rìoghachd na h-Alba a neartachadh.[1]
Chaidh a sgrìobhadh anns an Laideann, 's e an ceann-latha air a chur ris 6 an Giblean 1320, agus tha 39 fir (8 iarlan agus 31 barain air an ainmeachadh aig toiseach na sgrìobhainne. Ge-tà, on a tha seulan air a chur ris an copaidh air mhaireann a tha ann an Tasg-lannan Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann, tha e coltach gun robh barrachd air 39 seulan ann bho thùs.
'S e na leanas a' phàirt den taisbeanadh a bhios air a luaidh as trice:
-
- Fhad 's a mhaireas ceud duine againn beò, cha leig sinn air chor sam bith leis na Sasannaich smachd a ghabhail oirnn. Gu fìrinneach, chan ann airson glòr, no airgead no urram a tha sinn a' sabaid, ach airson saorsa – airson sin a-mhàin, rud nach leig duine onarach seachad ach le a bheatha fhèin.[2]
Faic cuideachd [deasaich]
Ceanglaichean a-mach [deasaich]
- Taisbeanadh Obar Bhrothaig air làrach-lìn Tasg-lannan Nàiseanta na h-Alba (Beurla)
- Teacsa tùsail an Taisbeanaidh anns an Laideann
- Eadar-theangachadh an teacsa don Bheurla
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ G Barrow: Robert the Bruce and the Scottish Identity, 1984
- ↑ Ruairidh MacIlleathain: Litir do Luchd-ionnsachaidh 649