Seumas I, Rìgh Alba
| Seumas I, Rìgh Alba | |
| Rìoghaich e: | 4 an Giblean 1406 – 21 an Gearran 1437 |
| A' leantainn: | Raibeart III |
| Sliochd | Mairead, Iseabal, Eleanor, Màiri, Seonag; Alasdair, Diùc Rothesay (a chaochail òg); Seumas |
| Oighre | Seumas II |
| Cèile-pòsda | Joan Beaufort |
| Taigh Rìoghail | Na Stiùbhartaich |
| Athair | Raibeart III |
| Màthair | Anabella Dhruimeanach |
| Rugadh e: | 10 an Dùbhlachd 1394, Lùchairt Dhùn Phàrlain |
| Eug: | 21 an Gearran 1437 (aois 42) |
| Àite-tÌodhlacaidh: | Peairt |
Bha Alba na dùthaich an-riaghailteach nuair a bha Seumas glè òg, agus chuir athair, Raibeart III, a-null dhan Fhraing e gus am biodh e sàbhailte. Ach chaidh am bàta a ghlacadh leis na Sasannaich agus chaidh Seumas a chuir an grèim leotha. Bho nach robh e ann, chaidh Alba a riaghladh le tànaistearan. Cha deach a chur ma sgaoil gu 1420, nuair a phàigh na h-Albannaich an èirig a chaidh iarraidh orra.
Na phrìosanach, fhuair e sgoil math ann an cùirt Shasainn, agus thuit e ann an gaoil ri Joan Beaufort, co-ogha Rìgh Eanraig VI Shasainn. Phòs iad mus do thill e a dh'Alba. Rè ùine, bhiodh ochdnar cloinne aca.
Cho luath agus a thill e dh'Alba, thug e os làimh dòighean-riaghlaidh ùra, a bhiodh a' daingneachadh cumhachd an rìgh agus a chuid mhinistearan. Bha e mar amas aige a dhùthaich air fad a chumail fo riaghladh laghan, agus dh'ath-nuadhaich e Pàrlamaid na h-Alba a rèir eisimpleir Pàrlamaid Shasainn. Ged-tà cha robh leisg air làmhachas-làidir a chur gu feum, agus dh'fhàs cuid dhe na h-uaislean diombach dheth nuair a dh'fhiosraich iad crìonadh an cuid cumhachd.
Chaidh a mhurt le feadhainn dhe na Greumaich ann am manachainn Pheairt air an 21mh latha dhen a' Ghearran, 1437, ged a shabaid e gu treun ri a chuid nàimhdean.
Uair eile, mar a bha bitheanta ri linn nan Stiùbhartaich, dh'fhàgadh Alba fo stiùir oighre òg, Seumas II, nach robh ach na naoidhean fhathast.