Seulra

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Cainnt Gaidhlig aosmhòr, sonraichte o seann ri na ceardaich. B'e creideamh nan ceard fein gur e chainnt fa-leth a bha anns an Seulra, ach is e a bha ann ach cruth diomhair na Gaidhlig, cruthaichte le atharrachadh fuaimean neo ordugh nan fuaim taobh a-steachd facail fa-leth.

Tha ainm air a' chainnt fein a' comharrachadh an dá fheart. Is e a tha ann "Seulra" ach "Beurla" le "Seilleach" an aite "Beith" agus "Ruis" is "Luis" air gabhail ionad a ceile. Tuigsear, gur e cainnt aosmhor a tha anns an t-Seulra, agus anns an linn a chaidh a chruthadh cha robh am facal "Beurla" a' ciallachadh canan sonraichte mar a tha e an diugh ach "canan" san fharsuinneachd. Mar sin chan eil "An Seulra" ach a' ciallachadh "An Canan".

Bha caochladh ainmean aig na Gaidheal nach do bhuannaig ri Clann nan Ceaird air an Seulra, na measg "Laidionn nan Ceaird", "Beurlagar" agus "Gaidhlig nan Ceaird".


Dearbhadh: Chambers Encyclopedia New Edition (1935), Rol IX, Duilleag 329. Faic "Shelta".