Saor
Is e a tha ann an Saor, ceard a chruthacas rudan a-mach a fiodh. Canar "saorsaineachd" ris an gniomh seo.
Treanadh is Teastanas [deasaich]
Is abhaist do shaor a dh'ionnsaich a chiùird, fo steornadh "maighstir" a thainig a mach na shaor nuair a bha e fhèin na h-oige. Fad's a bhios gille ag ionnsachadh bithidh "bonn" (cumhnant oibre, a ghabhas a-steachd dleasdanas air a' Mhaighstir a bhidh ga treanadh agus dleasdanas air a' ghille a dh'obair gu deireadh a tìm airson tuarasdail nas isle na tuarasdail chiùird) eadar a fhèin is a Mhaighstir. Gu tràideasanta mhàir am bonn 7 bliadhna, agus thòisich na gillean aig 14 bliadhna d'aois, tighinn a-mach nan journeach (fear sgilte, airidh air turasdail laitheil) aig 21 bliadhna d'aois. Ann am Breatainn, anns an latha an diugh, cha mhàir am bonn ach ceithir bliadhna agus mar is tric, bithidh am bonn eadar an gille agus an companaidh a tha ga fhasdadh. Air barrachd ionnsachadh 's an ionad oibre, theid an gille, latha 's an seachdainn, gu colaiste teicniuil far am bi e coisinn teastanas-fhoghlaim freagarach ris a' chiùird air barrachd an Sgribhinn-chiùird a gheibheas e bhon "mhaighstir" aig deireadh a' bhuinn.