Salvador Allende
Salvador Allende Gossens
| Ainm na Dùthcha | |
|---|---|
| Teirm | 3rs An t-Samhain 1970 gu 11mh An t-Sultain 1973 |
| Ro-Theachdaire | Eduardo Frei Montalva |
| Neach-Ionlaid | Augusto Pinochet Ugarte |
| Pàrtaidh | Unidad Popular |
| Ceann-Là Bhreithe | 26mh An t-Ògmhios 1908 |
| Àite Bhreithe | Valparaiso (An t-Sile) |
| Ceann-Là a Bhàis | 11mh an t-Sultain 1973 |
| Àite a Bhàis | Santiago An t-Sile |
| Bean/Fear-Chèile | Hortensia Bussi Soto |
| Creideamh | Caitligeach |
| Dreuchdan | lighiche, fear-poileataigs |
B’ e Salvador Allende Gossens (Valparaiso, 26mh An t-Ògmhios 1908 - Santiago de Chile, 11mh An t-Sultain 1973), lighiche agus fear-poileataigs às An t-Sile.[1] Chaidh e a thaghadh ceann-suidhe ann an 1970, an dèidh na taghaidhean nàiseanta is e os cionn co-bhann leis an canadh Aonachd Phoibleach (Spàinntis: Unidad Popular).[2]
B’ fheudar dha a bhith an dùthaich a stiùireadh gu ruige deireadh 1976 ach thug An t-Arm, daoine an làimh dheis agus Na Stàitean Aonaichte ionnsaigh airsan air an 11mh An t-Sultain 1973, is chuir sinn crìoch gu h-obann dha na h-atharrachaidhean sòisealta a bhathar a’ cur air dòigh aig an àm. Chaochail e is An t-Arm a’ leigeil bomaichean air Lùchairt a’ Chinn-suidhe. [3] Chuir e làmh na bheatha fhèin nuair a bha e air a chuairteachadh leis na Feachdan Armachd, is e a’ dìon an Riaghaltais gus a bhàsaich e. Rinn an saoghal air fad bròn leis cho gaisgeach is cho truagh ‘s a bha sin.[4]
Fhuair e am Duais Christa Leem ann an 2007[5] agus an Duais Lenin ann an 1972. Tha nighean a’ bhràthar, Isabel Allende, uabhasach ainmeil gus an latha an-diugh mar ùghdair.[6]