Salm 23

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
An deagh Chiobair

Tha an treas salm air fhichead stèidhichte air an taing a thug an Rìgh Daibhidh do Dhia an dèidh dha greim fhaighinn, gu sìtheil, air an rìoghachd aige agus e beò ann an soirbheas agus dòigh.

Leis na facail “’S e an Tighearna Fhèin mo chiobair” thathar ag àideachadh a' chreideis a th’ aig Daibhidh ann an Dia. Tha an cairdeas eadar Iosrael agus Dia air aithris mar gum b’ e aon neach a’ mothachadh a' cheangail a tha eadar e fhèin agus an Tighearna. Tha ìomhaigh de chìobair a tha dìleas a’ seasamh mar eisimpleir chumhachdach de churam. Tha earbsa, gu nadarrach, aig caoraich anns a’ chìobair - gun ullaich e na tha dhìth orra airson an làtha a-màireach agus na làthaichean a tha ri tighinn.

Mar chìobair, bha eòlas fhèin aig Daibhidh air cho cudromach ‘sa tha ciobair do chaoraich agus bha e den bheachd gun robh an aon nadar ri lorg anns a’ chairdeas a bh’ eadar e-fhèin agus an Tìghearna.

Canaidh cuid gur e an treas salm air fhichead (23) an t-salm is grinn a th’ ann, gu tric a’ chiad fhear a thèid ionnsachadh, am fear is tric a tha ri cluinntin agus am fear a mhaireas nar cuimhne. Chaidh a sgrìobhadh lìnntean ro àm Chrìosd ach b’ ann a’ coimhead air adhart a bha an sgrìobhadair.

Thuirt Iain Calvin mun t-salm, agus e a’ tarraing air na thuirt an Naomh Augustine roimhe, “Cha lorg sinn òran nas fheàrr, no nas freagarraiche, na na Sailm aig Daibhidh, a chaidh an labhairt tron Spìorad Naoimh… Nuair a bhios sinn gan seinn, faodaidh sinn a bhith cinnteach gur e Dia a tha a’ cur nam facail nar beòil, mar gum biodh E Fhèin a’ seinn tromhainn gus a Ghlòir a mholladh.”

Aistidhean ceangailte[deasaich | edit source]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: