Sòrbais Uarach

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Sòrbais Uarach
(Hornjoserbšćina )
Fuaimneachadh [ˈhɔrnjɔˌsɛrbʃtʃina]
Ga bruidhinn ann(s)
Luchd-labhairt iomlan

mu 55.000

Teaghlach-chànan

Indo-Eòrpach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Cànan oifigeil ann(s) a' Ghearmailt
Còdan Cànan
ISO 639-1 -
ISO 639-2 hsb
ISO 639-3 hsb

Is e cànan Indo-Eòrpach a tha ann an Sòrbais Uarach (hornjoserbšćina, Beurla: Upper Sorbian). Tha an cànan a’ buntainn do theaghlach nan cànanan Slàbhach. Tha Sòrbais Uarach càirdeach do Shòrbais Ìosal. Tha an cànan ceangailte ri Seacais, Slòbhacais agus Pòlais. Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais Uarach mar mhion-chànain. [1]

Tha Sòrbais Uarach ga bruidhinn ann an Sagsainn, gu h-àraid eadar Bautzen (Budyšin), Kamenz (Kamjenc) agus Hoyerswerda (Wojerecy). Tha eadar 40,000 is 55,000 duine a’ cleachdadh Sòrbais Uarach mar prìomh-chànan.

'S e teis-meadhan beatha cultarach a’ chànain seo a tha anns a' bhaile Bautzen neo Budyšin ann an Upper Lusatia. Chìthear sanas-rathaid dà chànanach air feadh a' bhaile.

Eisimpleir[deasaich | deasaich an tùs]

Seo eisimpleir le Sòrbais Uarach agus Gàidhlig:

Sòrbais Uarach Gàidhlig
Dobry dźeń! Latha math
(Madainn mhath, Feasgar math)
Dołho so njesmój widźałoj!
Kak so tebi wjedźe?
Chan fhaca mi thu airson greis.
Ciamar a tha thu?
Jara derje!
A kak so tebi wjedźe?
Glè mhath.
Agus ciamar a tha thu fhèin?
Dźe tak.
Sym so nazymnił(a).1
Chan eil dona.
Tha an cnatan orm.
Dźens pak su tu wjele ludźi! Tha mòran a’ dol an-seo.2
Chcemoj zhromadnje kofej pić? 3 An tèid sinn a dh’òl cupa cofaidh còmhla?
Haj, to činimoj! 3 Thèid, nì sinn sin.
  • 1 "a" ma bhios boireannach a' bruidhinn
  • 2 facal air fhacal: Ach tha mòran daoine an seo an-diugh.
  • 3 ma bhios dithis a' bruidhinn
Bioball ann an Sòrbais Uarach

Iomradh[deasaich | deasaich an tùs]

  1. European Charter for Regional or Minority Languages

Faic cuideachd[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: