Sàrdais

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Sàrdais
Sardu, Limba Sarda
Ga bruidhinn ann(s)
Luchd-labhairt iomlan

1,045,180 [1]

Teaghlach-chànan

Cànanan Ind-Eòrpach

  • Italic
    • Romance
      • Southern
        • Sàrdais
Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Cànan oifigeil ann(s) Sardinia
Air a riaghladh le Limba Sarda Comuna
Còdan Cànan
ISO 639-1 sc
ISO 639-2 srd
ISO 639-3 srd
  • [src]: Logudorese
  • [sdn]: Gallurese
  • [sro]: Campidanese
  • [sdc]: Sassarese
Dualchainntean Sàrdais

'S e cànan Ròmanach a tha ann an Sàrdais. Canar limba sarda no Sardu ris anns a' chànan fhèin.

Tha i ga bruidhinn le nas motha na millean duine ann an Sardinia, eilean anns a' Muir Mheadannach. 'S e sin 80% de mhuinntir an eilean, ach tha iad uile dà-chananach, tha Eadailtis aca cuideachd.

Le achd ionadail ann an 1997 agus achd na stàite 1999 fhuair Sàrdais inbhe mar mion-chànan, ach chan eil inbhe cho-ionnanach le Eadailtis aice fhathast. .[2]

An comais ri Eadailtis is cànanan Ròmanach eile tha gràmar is fuaimneachadh Sàrdais caran coltach ri Laideann fhathast. Ach chithear buaidh na Spàinntis is Catalanais cuideachd.

'S iad na dualchainntean as motha:

  • Logudorese [src]: 500,000 neach-labhairt (1993) ann am meadhan na h-eilean. [3]
  • Gallurese [sdn]: 100,000 (1993) san àird an earra-thuath [4]
  • Campidanese [sro]: 345,000 neach-labhairt (2000), ann an ceann a deas na h-eilean. [5]
  • Sassarese [sdc]: 100,000 (1993) san iar-thuath an eilein [6]
Sanas-rathaid dà-chànanach

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. ethnologue.com Sàrdais
  2. Autonome Region Sardinien, Die gemeinsame sardische Sprache muss noch entwickelt werden (Gearmailtis)
  3. ethnologue.com src
  4. ethnologue.com sdn
  5. ethnologue.com sro
  6. ethnologue.com sdc