Raibeart II, Rìgh na h-Alba
| Ràibeart II, Rìgh Alba |
||
| Rìoghaich e: | 22 an Gearran 1371 – 19 an Giblean 1390 |
|
| A' leantainn: | Daibhidh II (leth-bhràthair a màthar) |
|
| Sliochd | Raibeart is a shianar bhràithrean |
|
| Oighre | Raibeart III | |
| Cèile-pòsda | Ealasaid Mure Oighrig de Ros |
|
| Taigh Rìoghail | Na Stiùbhartaich | |
| Athair | Walter, an Stiùbhaird | |
| Màthair | Marsaili Bhrusach | |
| Rugadh e: | 1316 (ceann-latha gun aithne) | |
| Eug: | 19 an Giblean 1390, Caisteal Dùn Dhòmhnaill (aois 74) | |
| Àite-tiodhlacaidh: | Abaid Sgàin | |
'S e ogha Raibeart I a bh' ann an Raibeart Stiùbhart, rìgh Alba eadar 1371 is 1390. B' esan a' chiad monarc dhen teaghlach Stiùbhartach.
Thàinig an sloinneadh Stiùbhart bhon fhacal 'stiùbhard', a' ciallachadh 'fear a bhios a' cur rian air taigh an rìgh'. Bha sinnsearan Raibeairt II ris an obair seo, ris an abradh 'àrd-stiùbhard na h-Alba', bho shean ann an Alba.
[deasaich] Òige
Chaidh Raibeart àrach air na h-oighreachdan Stiùbhartach ann am Bòid, Srath Chluaidh agus Rinn Friù.
Chaidh an t-urram 'àrd-stiùbhard na h-Alba' a bhuileachadh air (aois 10) ann an 1327 nuair a chaochail athair, Walter an Stiùbhard, a bha na sheirbhiseach dìleas do Raibeart I. Mun aon àm, air sgàth's gur h-e ogha Raibeart I a bh'ann, chaidh Raibeart ainmeachadh le Pàrlamaid na h-Alba mar oighre dhan rìgh òg Daibhidh II (aois 2 aig an àm), nan caochladh esan gun sliochd.
Nuair a chaochail Raibeart I ann an 1329, ghabh Eideard III Shasainn brath air an t-suidheachadh agus thugadh ionnsaighean a-rithist air Alba leis na Sasannaich. Bha Raibeart an làthair, aois 17, aig cath mòr Halidon an 1333, a bha na chall mòr dha na h-Albannaich.
[deasaich] Fear-glèidhidh na h-Alba
[deasaich] Na rìgh, aois 54
(ri leantainn)