Daibhidh II, Rìgh Alba

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Daibhidh II, Rìgh Alba
Rìgh Daibhidh aig Neville's Cross
Rìoghaich e: 7 an t-Ògmhios 1329 – 22 an Gearran 1371
A' leantainn: Raibeart I
Sliochd Cha robh duine cloinne aige
Oighre Raibeart II (mac a leth-pheathar)
Cèile-pòsda (1) Joan, Bana-phrionnsa Shassainn

(2) Mairead Drummond

Taigh Rìoghail Na Brusaich
Athair Raibeart I
Màthair Ealasaid de Burgh
Rugadh e: 5 am Màrt 1324, Dùn Phàrlain, Alba
Eug: 22 an Gearran 1371, Caisteal Dhùn Èideann (aois 46)
Àite-tiodhlacaidh: Abaid Taigh an Ròid, Dùn Èideann

'S e mac le Raibeart Brus a bh' ann an Daibhidh Brusach, a bha na Rìgh ann an Alba eadar 1329 is 1371.

Breith is leanabachd[deasaich | edit source]

Rinn Alba gàirdeachas mòr nuair a rugadh Daibhidh sa Mhàrt, 1324. Ged a bha an rìgh mòr Raibeart cha mhòr lethcheud bliadhna dh'aois, agus a bhean Ealasaid de Burgh mu chòig bliadhna deug thar fhichead, bha a-nise oighre fireann aige mu dheireadh thall, rud a bha a' gealltainn sonas is seasmhachd dhan dùthaich agus do sliochd nam Brusach.

Thathas ag ràdh gun deach an leanabh ainmeachadh airson Rìgh Daibhidh I Alba (1124-1153), fear dhen a' chiad rìghrean a thug Alba fo smachd agus a thug a-mach buaidh, agus rìgh san robh Raibeart a' cur sùim nach beag.

Ann an 1328, rinn Alba is Sasainn Còrdadh Northampton eadarra, aontachadh-sithe a thug cogaidhean neo-eisimeileachd Alba gu crìche. Chaidh aontachadh le na riochdairean Albannach is Sasannach gun rachadh am prionnsa Daibhidh pòsadh ris a' bhana-phrionnsa Shasannach Joan an Dùin, nighean Eideird II Shasainn agus phòs iad nuair nach robh Daibhidh ach ceithir bliadhna a dh'aois.

Bàs athar - na rìgh aig aois còig[deasaich | edit source]

Chaochail Raibeart, athair Dhaibhidh, san Ògmhios 1329 agus gun a làimh cinnteach air an stiùir, thugadh ceum air ais ann an Alba. Ghabh Eideard Balliol, mac le Iain Balliol, bràth air an t-suidheachadh seo le cuideachadh bho arm Sasannach agus shoirbhich leis aig Blàr Dhupplin (1332). Chaidh Balliol a chrùnadh na Rìgh Alba, mas fhìor, ann am Peairt ach chaidh a sgiùrsadh a-mach às an dùthaich goirid às dèidh sin.

Daibhidh agus a bhean Joan ann an cùirt Philip VI na Frainge (Chronicle aig Jean Froissart)

Na Sasannaich a' bagairt a-rithist, agus teicheadh dhan Fhraing[deasaich | edit source]

Ach an uair sin thugadh ionnsaigh na bu challmhoire buileach air Alba leis an rìgh Eideard III Shasainn, a rinn sgrios mòr air an arm Albannach aig Halidon, tuath air Bearaig, ann an 1333, agus chaidh an rìgh òg agus a bhan-righ a chur a-nall dhan Fhraing gus am biodh iad sàbhailte ann an cùirt Philip VI.


Blàr Neville's Cross, 17 an Dàmhair 1346 (Chronicle aig Jean Froissart)

Tilleadh a dh'Alba, is cogadh le Sasainn air sgàth na Frainge[deasaich | edit source]


Ann an 1341, bha e sàbhailte dha tilleadh a dh'Alba agus cha b'fhada gus an do ghabh e smachd air an dùthaich air fad. Ach ann an 1346, bha na Sasannaich a' bagairt ionnsaigh a thoirt air an Fhraing agus dh'iarr Philip VI cuideachadh air Alba. Ann an spiorad an t-seann caidreachais eadar Alba san Fhraing, chaidh Daibhidh agus arm mòr Alba thairis air an Abhainn Tuaidh a-steach do Shasainn san Dàmhair, ach thugadh buaidh orra le Sasannaich a' chinn a-tuath aig cath aibhiseach Crois Neville air taobh a-muigh ballaichean-dìona Durham. Ged a shabaid Daibhidh e fhèin gu treun, chaidh a thoirt am brùid agus bhiodh e na phrìosanach ann an Sasainn airson aon bliadhna deug.

Na phrìosanach an Sasainn[deasaich | edit source]

Chuir Daibhidh seachad aon bliadhna deug na phrìosanach ann an Caisteal Odiham, siorrachd Hampshire. Thugadh urram dha leis na Sasannaich agus bha cead aige seòrsa cùirt a bhith aige fhad's a bha e na phrìosanach. Dh'iarr na Sasannaich èirig de 100,000 mearcaichean air Alba mus cuireadh iad ma sgaoil e; a chionn's gun robh an dùthaich cho bochd san àm thug seo ùineachan, ach mu dheireadh chaidh co-aontachadh eadar an dà dhùthaich a shoidhnigeadh ann am Bearaig (1357), agus chaidh an rìgh a shaoradh.

Air ais an Alba[deasaich | edit source]

Fhuair dùthaich bhochd Alba tàire nach robh beag leis an èirig a chaidh iarraidh orra leis na Sasannaich, agus cha deach a pàigheadh dheth a-riamh. Air sgàth's nach robh oighre aige (oir chan fhaodadh a bhean Joan a bhith còmhla ris na phrìosanach), bha e na chleas aig Daibhidh an èirig a sheachnadh le bhith ag ainmeachadh Lionel, Diùc Clarence (mac le Eideard III Shasainn) na oighre do chrùn Alba. Ach bha uaislean Alba glè dhiombach dheth seo, agus cha tàinig e gu buil a-riamh. Chaochail a' bhanrigh Joan ann an 1362 agus phòs Daibhidh a' bhantrach Mairead Dhruimenach ann an 1364. Ged tà, cha robh duine cloinne aige le darna bhean seo nas mò, agus rinn e sgàradh-pòsaidh rithe ann an 1370.

Bàs Dhaibhidh[deasaich | edit source]

Chaochail Daibhidh gu h-obann, gun duine sùileachadh ris, sa Ghearran 1371, aig àrd a chumhachd. Air sgàth's nach robh a-riamh duine cloinne dligheach aige, fhuair mac a leth-peathar, Raibeart, an Stiùbhairt, seilbh air crùn Alba. Le bàs Dhaibhidh, thàinig taigh rìoghal nam Brusach gu crìch, agus fhuair na Stiùbhartaich seilbh air crùn Alba.