Port Rìgh
'S e Port Rìgh prìomh-bhaile an Eilein Sgitheanaich. Anns a bhliadhna 1950 bha 1500 neach a' fuireach ann, ach dh'fhàs am baile nas motha tro na bliadhnaichean, ann an 2005 bha 2500 neach ann. Baile seirbhis agus baile margaid a tha ann.
Tha am baile suidhichte air taobh 'sear an eilein agus taobh siar Loch Phort-Rìgh, loch na mara a tha gu math fasaichte. Is e Cearnag Shomhairle sar mheadhon a' bhaile, far a bheil Taigh-Chuirt an t-Siorraim, Ionad Phoilis agus clach-chuimhne ri muintir na sgire a thuit anns an da chogadh mhòr.
[deasaich] Creidseamh
Cha mhòr nach eil sia eaglaisean "criosdaidh" 's a' bhaile bheag seo: Eaglais na h-Alba, Saor Eaglais na h-Alba, Eaglais Saor Cleireach na h-Alba, Eaglais Easbaigeachd (na h-Alba), Associated Presbyterian Church agus Eaglais Caitligeach (Cille Mhoire). As aindeoin sin tha nas lugha na 'n dara leth de muintir na sgire a' frithealadh na h-eaglaisean gach Domhnaich.