Port Chnocaidh

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Port Chnocaidh

'S e baile ann am Moireabh a tha ann am Port Chnocaidh (Beurla: Portknockie). Tha am baile suidhichte air Linne Moireabh. 'S e Banbh, Bucaidh, Am Fionn Ochdamh agus Inbhir Cuilinn na bailtean a tha faisg air. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 42′ 13.61″ Tuath agus 2° 51′ 26.91″ Iar.

Ann an 2001 bha 1,217 duine a' fuireach an seo. [1]

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1677. Bha e ainmeil mar port iasgach sgadain anns an 19mh linn ach chan eil mòran bhàtaichean iasgaich air fhàgail an seo anns na làithean an diugh.

Bow Fiddle Rock faisg air Port Chnocaidh

'S e àite inntinneach a tha ann am Bow Fiddle Rock. 'S e creag a th' ann a tha suidhichte dìreach mu 50 troigh air falbh bhon chòrsa. Tha e a’ coimhead mar bogha fidheall.

'S e àite eachdraidheil a tha ann an Green Castle, a tha suidhichte air rubha faisg air a’ mhuir. Chaidh a thogail mu 1000 RC agus bha daoine a’ fuireach ann gu 1000 AC. Tha tobhtaichean a’ chaisteil fhathast rim fhaicinn an-diugh.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Scotland's Census Result OnLine

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NJ 489 685