Podolsk

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Podolsk
Подольск
Flag of Podolsk (Moscow oblast).png Coat of Arms of Podolsk (Moscow oblast).png
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Podolsk City Centre.jpg
Suidheachadh
Dùthaich An Ruis
Ceàrn Moscow Oblast
Sgìre Podolsk
Co-chomharran 55° 25′ Tuath
37° 33′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 38 km²
Àireamh-shluaigh 179,400 (2007)
Dlùths 4,721.05/km²
Àireamh fòn (+7) 4967
Duilleag oifigeil http://adm.podolsk.ru

'S e mòr-bhaile anns an Ruis a tha ann am Podolsk (Ruiseis: Подольск). Tha e suidhichte mu 40km san àirde a deas air Moscobha. Tha an abhainn Pakhra a' ruith tron bhaile. Le 179.400 duine (2007) 's e Podolsk am baile as motha anns an sgìre Moscow Oblast. Tha e na theas-meadhan rianachail dhen sgìre Podolsk.

Eachdraidh a' bhaile[deasaich | deasaich an tùs]

Bho 1627 a-mach bha baile beag an seo air an robh an t-ainm Podol (Подол). Bha e suidhichte timcheall air abaid. Ann an 1791 fhuair iad inbhe baile. Dh'fhàs am baile na bu mhotha nuair a thogadh rathad-iarrainn eadar Moscobha agus an leth-eilean Crimea. Aig deireadh na 19mh linne thòisich gnìomhachas anns a' bhaile. Aig àm nan Comannach bha mu 70 factaraidh ann am Podolsk far an robh a' chuid as bu mhotha de mhuinntir a' bhaile ag obair.

Àireamhan-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an clàr a' sealltainn atharrachadh nan àireamhan-sluaigh eadar 1897 is 2005.

Bliadhna Àireamh-shluaigh [1]
1897 3.800
1926 19.700
1939 72.000
1956 113.000
1967 163.000
1976 194.000
1982 206.000
1989 209.200
1996 199.700
2000 194.300
2005 180.000

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

  • Flag of Austria.svg Amstetten
  • Flag of Moldova.svg Bălț
  • Flag of Montenegro.svg Bar
  • Flag of Belarus.svg Borisov
  • Flag of Ukraine.svg Chernivtsi
  • Flag of the People's Republic of China.svg Henan
  • Flag of Bulgaria.svg Kavarna
  • Flag of the Czech Republic.svg Kladno
  • Flag of Macedonia.svg Ohrid
  • Flag of France.svg Saint-Ouen
  • Flag of Bulgaria.svg Shumen
  • Flag of Georgia.svg Sukhumi
  • Flag of Germany.svg Trier-Land
  • Flag of Armenia.svg Vanadzor
  • Flag of Poland.svg Warmińsko-Mazurskie

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. mojgorod.ru

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: