Pàpa Pius VI

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Pàpa Pius VI
Popepiusvi.jpg
Fiosrachadh
Ainm Tùsail An t-Iarla Angelo Onofrio Melchiorre Natale Giovanni Antonio Braschi
Rugadh Flag of the Papal States (pre 1808).svg Cesena 25 an Dùbhlachd 1717
Bàs Flag of France.svg Valence 29 an Lùnasdal 1799
Pàpachd 15 an Gearran 1775 - 29 an Lùnasdal 1799
Càirdineal 26 an Giblean 1773
Clèir-shònrachadh 1755
Ro-theachdaire Pàpa Clemens XIV
Fear-ionlaid Pàpa Pius VII
Pàrantan Marco Aurelio Tommaso Braschi/Anna Teresa Bandi
Pius VI

B' e Pàpa Eadailteach a bha ann am Pàpa Pius VI (Laideann PIUS P.P. VI,[1] Cesena,[2] 25 an Dùbhlachd 1717 - Valence, 29 an Lùnasdal 1799). B' e An t-Iarla Angelo Onofrio Melchiorre Natale Giovanni Antonio Braschi an t-ainm a bh' air bho thùs. Chaidh a thaghadh air an 15 an Gearran 1775 mar phàpa an dèidh bàs Pàpa Clemens XIV. 'S e an 250mh fear a bh'ann.[3] Bhuineadh e do theaghlach Uachdaranach ach gu math bochd às An Eadailt: ‘S e Iarla a bh’ann athair (Eadailtis: Conte) agus Ban-iarla (Eadailtis: Contessa) a bh’ann a mhàthair. A bharrachd air sin, ‘s e càirdineal a bh’ann bràthair mhàthar, Giovanni Carlo Bandi, a thug taic mhòr dhàsan. Chaochail e thall thairis ri linn Ar-a-mach na Frainge, far an robh e na phrìosanach.[4] Bha e na phàp fad 24 bliadhna, an ceithreamh Pàpachd na b' fhaide a bh'ann a-riamh, an dèidh Leo XIII, Iain Pòl II agus Pius IX.[5]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. New Advent
  2. Cesena
  3. Camino de Santiago
  4. Vatican
  5. Catholic Hierarchy