Notre Dame de Paris

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
An aghaidh Notre Dame

'S e Notre Dame de Paris (Fraingis: Ar Baintighearna na Paris) eaglais mhòr ann am Paris coisrigte ri Moire. Chanadh am bitheantas Notre Dame rithe le muinntir an àite agus sa Bheurla.

'S e cathair-eaglais Gotach a th' ann, suidhichte air an Île de la Cité, eilean ann an abhainn Seine ann am Paris, An Fhraing. Ged gur e ceann-siubhail mòr na turasachd a tha i, tha i air a cleachdadh fhathast mar Eaglais Chaitligeach agus 's e cathair clàr àrd-easbaig Paris a th' innte. Thathar gu tric ag ràdh gur e Notre Dame de Paris tè de na h-eisimpleirean as fheàrr de ailtireachd Frangach Gotach.