Na Balcain

O Uicipeid
Leth-eilean nam Balcan leis na h-aibhnichean Soča-Krka-Sava mar chrìocha orra gu tuath

'S e na Balcain leth-eilean anns an Roinn Eòrpa leis a' Mhuir Adriach air aon taobh agus am Muir Dubh air an taobh eile. Bha iad fada fo smachd Impireachd nan Otomanach mu dheas ach, aig toiseach na ficheadamh linne, bha iad fo bhuaidh Rìoghachd na h-Ostaire 's na h-Ungaire a bha tuath orra. Bha daoine ann an sgìrean Slàbhach mar Bhosna agus an t-Sèirb ag iarraidh a bhith gu tur neo-eisimeileach bho smachd na h-Ostaire agus bha iad a' coimhead ris an Ruis airson taic.