Meidheadair
'S e inneal a thomhaiseas cudthrom a tha ann am meidheadair. Chanar meidheachadh ris an gniomh seo.
Gneithean Mheidheadair[deasaich]
Tha dà phrìomh roinnean de meidheadair:
- Innealan steidhichte air bun-phrionnsabal an luamhain mar eisimplir am biorsamaid.
- Innealan steidhichte air lagh Hooke : "Claonadh a reir Cudthrom".
An Cairdeas eadar Cudthrom agus Cuideam[deasaich]
Is fheudar dhuinn aithneachadh an difir eadar cudthrom agus cuideam. Is e a tha ann an cuideam an uimhir de stugh a tha ann an corp*. Is e a tha ann an cudthrom am forsasios a tha cuideam, fo buaidh tarruinn-talmhuinn ag aobharachadh.
Bithidh tarruinn-talmhuinn ag aobharachadh ath-luathasachadh de corp sam bith a tha fo a bhuaidh. Aobhrachaidh Tarruinn-talmhuinn Ath-Luathasachadh a tha baoltachd ri 9.81 metre/diog gach diog, (= 9.81 m/diog/diog = 9.81 m/s2 = 9.81ms-2)
Anns an Système international d'unités is e An Ciologram (Kg) a tha na h-aonad de cuideam agus is e an Newton (N) a tha na h-aonad de forsa. Is abhaist do buithtean a chleachd an cilogram mar aonad thomhais- a bhi pongail, 'is e forsa-chilograim a tha anns an chudthrom seo a tha co-ionnan ri 9.81 N.
A mhineachadh seo, tha beagan Ailseabra feumail. A reir an 2na lagh de Newton:
- Forsa = Cuideam X Ath-Luathasachadh.
Mar sin:
- Cudthrom = Cuideam X Ath-Luathasachadh aobhraichte le Tarruinn-Talmhuinn.
Airson Cuideam de 1 kg:
Cudthrom = 1 kg X 9.81 m/diog/diog = 9.81 N = 9.81 kg.m/diog/diog.
- Corp air a cleachdadh an seo leis a' chiall abhaisteach an feallsanachd-nadurra:- tha sin ri radh cnap stugha (beag neo mòr).