Meatailt Bàis

O Uicipeid

Thoisich meatailt bàis aig toiseach na 1980an, a' tighinn bho meatailt slaic. Am measg nan comhlanan cudthromach anns an stoighle seo tha Autopsy, Cannibal Corpse, Carcass, Dismember, Death, Deicide, Entombed, Possessed agus Obituary.

An Ceòl[deasaich | deasaich an tùs]

Seo liosta de rudan a tha daonnan a' tighinn suas ann an ceol meatailt bàis:

- Faclan mu dhedhinn rudan mar marbh agus cogaidh. Leis an seinn mu dheidhinn rudan daonan gu math dorachd, tha seo caran coltachd rith meatailt dubh. Cuideachd, s'docha gur e na cuspairean a tha comhlanan a'seinn mu dheinn, neo cuideachd an stoighle aige, a tha diorabh ag eisteach rith agus gu math ainneart, a tha a'toirt an t-ainim gun a cheòl.

- A' cleachdadh gluasadan cromtacha.

- A' cleachdadh structar a tha comhltachd rith ag innse sgeulachd, chan e an structar nas tradiseanta de rann-sèist-rann.

- Ceòl luatha, ainneart, anns a tha rithim gu math cudthromach. ' S e giotaran agus drumaichean na h-ionnstramaidean as cudthromach, mar ann a gu bhith a h-uile seorsa de meatailt. Uaireanan a-nis tha comhlanan a'cleachdadh na meur-chlàr, ach chan eil seo cho cumanta ri ann an stoidhlean eile den ceòl.

- Tha an seinn uairidh neo-àbhaisteach: ìseal, diorabh a'tuigsinn, agus air a'deanabh aig caol an abhachd. Tha seo a'deanabh fuaim air a tha an t-ainim "death grunt/growl".

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Thàinig meatailt bàis bho meatailt slaic, agus 's e Slayer còmhlan gu math cudromach ann an seo. Bha buaidh mhòr aig an clàr aca "Reign in Blood" (1986), agus na clàran as deidh sin, air meatailt bàis.

Ach thòisich an stoidhle rò an sin, ann an 1983, le còmhlanan anns na Stàitean Aonaichte mar Death agus Possessed. 'S e `s docha a chiad eiseimpleir de meatailt bàis a bhith air a chlàradh an clàr "Seven Churches" aig Possessed, ann an 1985.

Ach tha daoine ann a tha ag ràdh nach robh na ciad còmhlanan seo ach "post-thrash", agus gun d'fhuair iad an t-ainm meatailt bàis dìreach air t-saileabh an t-ainm aig Death: cha robh gu leor uair mu dheidhinn an ceòl fhathast.

Tha na daoine seo ag ràdh gun d' thòisich meatailt bàis aig dearadh na 1980an, leis am buadh de punk air ceòl roc gu leithir. Mar eiseamplear, bha Napalm Death an toiseach pairt den seoladh hardcore, agus a'cluich grindcore, ach aig toiseach na 1990an tionndaidh iad go stoidhle uair, a'fagail grindcore agus a mhor cuid den comhlan air falbh.

Thachair mòran diofar rudan gu meatailt bàis anns na 1990an, le iomadh diofar stoidhlean agus còmhlanan. Thòisich meatailt bàis binn anns An t-Suain (gu h-àraid am baile Göteborg), agus cuideachd ann an Nirribhidh agus ann an Suòmaidh. Tha comhlanan mar Arch Enemy, In Flames agus Dismember cudthromach gun stoidhle seo.

Cuideachd bha buaidh aig meatailt bàis air meatailt dìt, le comhlanan mar My Dying Bride agus Paradise Lost a'cleachdadh seinn meatailt bàis uaireanan, agus ceòl nas slaodachd ach caran coltachd, airson a'deanabh "doom death".

Tha daoine ag ràdh gur e grindcore dìreach meatailt bàis a tha nas ainneart, ach tha daoine eile ag radh gun robh buaidh na bu mhotha aig hardcore air grindcore, leis am buaidh as mòr air meatailt bàis a bhith meatailt slaic, agus mar sin, gur e seòrsan de ceòl diofairte a th'annad.