John Bannerman

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

B' e an Dotair John Bannerman (Baile Mo Thatha, 13 an Lùnasdal 1932Baile Mo Thatha, 8 an Damhair 2008) eachdraiche cliùiteach na Gaidhealtachd. Bha an rannsachadh aige air Dál Riata, an Seanchas Ì Chaluim Chille, agus an Senchus fer n-Alban (Seanchas Fhear na h-Alba) gu h-àraidh buadhach.

Rughadh e ann am Baile Mo Thatha 13 an Lùnasdal 1932, taobh Loch Laomainn ann an teaghlach Gàidhlig, agus sgrùdaich e na cànanan Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Chambridge. As dèidh dha ceumnachadh, ghabh e dreuchd an toiseach anns an Roinn Ceilteach aig Oilthigh Obar Dheathain, agus an sin ann an Oilthigh Dhùn Eideann. Leig e dheth a dhreuchd aig an oilthigh ann an 1997 a bhith na thuathanach làn-thide ann am Baile mo Thatha. Chaochail e ann an 8 an Damhair 2008.

Clàr-leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Bannerman, John. 1983. ‘Literacy in the Highlands’ The Renaissance and Reformation in Scotland deas. le Ian B. Cowan & Duncan Shaw. (Edinburgh: Scottish Academic Press), 214-235.