Ìosa Crìosd

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Iosa Crìosd)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Iosa Chrìosd

R. Bethlehem, mu 4 R.C. B. Ierusalem mu 33 A.C.

A-rèir na Crìosdaidhean se "Mac Dhè. Slànaighear. Mac an Duine." a tha ann, ach se figear gu math connspaideach a tha ann, gu h-àraid a-measg nan Iùdhach

'Se Ìosa an duine a thòisich an creideamh Crìosdaidh le na thuirt e is na theagaisg e. Tha e cuideachd air ainmeachadh mar "Ìosa Crìosd" no dìreach "Crìosd". Tha an t-ainm Ìosa a tighean bhon ainm Eabhra (Hebrew) "Yeshua" a tha tighean bho "Yehovah-shua" a ciallachadh "Glèidhidh Dia." Tha am facal Crìosd a tighean 'on facal Greugais "Khristós" (Χριστός) a ciallachadh "an neach coisrigeach." Tha am facal Eabhra "Moshiach", no Mesiah 'sa Ghàidhlig agus 'sa Bheurla, a ciallachadh an aon rud ris an Greugais Khristós.

'S ann anns an Tiomnadh Nuadh 'sa Bhìoball a lorgas sinn na sgeulachdan mu Ìosa. Cha do sgrìobh duine mu dheidhinn nuair a bha e beò agus mar sin chan eil sinn cho eòlach air a bheatha 'sa bhitheadh sinn an dòchas.

Tha am Bìoball ag ràdh gun robh Ìosa beò ann an àm Impireachd an Roimh anns an dùthaich far a bheil Israel an diugh. Chaidh a' bhreith fhad 's a bha a mhàthair agus athair a fuireach ann an sabhal seach nach robh rum anns na taighean-òsda. Tha latha Nollaig againn mar latha-saor airson seo a chuimhneachadh.

Nuair a dh'fhàs Ìosa na inbheach thoisich e a siubhal mun dùthaich a teagaisg agus an innis sgeulachdan. Bha e a teagaisg gum bu choir do dhaoine gaol a thoirt do Dhia agus cuideachadh a thoirt do chèile.

Bha gu leòr ag ràdh gum b' urrainn dha mìorbhail a dhèanamh mar uisge a thionndadh gu fìon, slàinte a thoirt air ais do dhaoine tinn agus fiù beatha thoirt air ais do feadhainn a bhàsaich.

Nuair a dh'fhàs Ìosa ainmeil chaidh e gu Ierusalem. An sin thionndaidh na sagairtean cumhachdach Iùdhach na aghaidh agus chaidh a mharbhadh le na Ròmanaich air A' Chrois.